Màiri Nic Ille Mhaoil

Rugadh Màiri Nic Ille Mhaoil ann an Gearraidh Bhailteas, an Uibhist a Deas ann an 1974, an nighean aig Niall Sheonaidh Nìll agus Anna Dhòmhnaill Ailein 'ille Bhrìghde à Baghasdal. Tha deichnear san teaghlach, ochdnar bhalach agus dithis nighean.

Chaidh Màiri do Bhun-sgoil Chill Donainn, Sgoil Dhalabroig agus an uair sin Sgoil Lionacleit. An dèidh an sgoil fhàgail, chaidh i gu Colaiste Naomh Anndra ann an Glaschu airson dreuchd neach-teagaisg a thoirt a-mach.

Bho rinn i sin tha i air a bhith a' teagasg ann an Obar Dheathain, an Uibhist, an Dùn Omhain agus an Comar nan Allt, a' mhòr-chuid dhen ùine ann am bun-sgoiltean Ghàidhlig.

Ann an 2002-03, ghabh i bliadhna far a h-obrach agus chaidh i air chuairt a dh'Astràilia, a' dèanamh beagan teagaisg fhad 's a bha i ann. An dèidh tilleadh, bha i ag obair ann an sgoil ann an Kent airson greis.

Ann an 2007 thòisich i ag obair aig Ionnsachadh agus Teagaisg Alba (Learning and Teaching Scotland) far am bheil i na stiùiriche airson foghlam Gàidhlig.

Tha Màiri air a bhith a' seinn bho bha i còig bliadhna a dh'aois, an toiseach aig na Mòdan ionadail anns an Ìochdar, agus bho 1985 aig Mòdan Nàiseanta.

Aig Mòd a' Ghearastain an 2007 choisinn i am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs. Ged a bha i anns a' chuairt dheireannach de Bhonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2005, chan eil i cinnteach fhathast am feuchadh i air turas eile.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.