Màiri Nic a' Ghobhainn

Màiri Nic a' Ghobhainn

Rugadh is thogadh Màiri Nic a' Ghobhainn ann an Dail bho Thuath, Leòdhas, ann an dachaigh far an robh seinn na rud cho nàdarrach ri tarraing anail. Bha seinn air an dà thaobh. Bhuineadh a h-athair do Nis ach 's ann à Ùig a thàinig cuideachd a màthar nuair a chaidh daoine fhuadach às an sgìre sin.

Tha cuimhne aig Màiri a bhith seinn òrain Ghàidhlig fada mus deach i dhan sgoil ach, nuair a chaidh i do Bhun-sgoil Chrois, b' e òrain Bheurla a bhathas a' teagasg ged a bha còisir sgoile ann.

À Cros chaidh i an toiseach do Sgoil Lìonail agus as a' sin do Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh, gu saoghal annasach na Beurla. Chòrd seo rithe.

Lean a h-ùidh as na h-òrain, gu h-àraidh as a' hostail far an robh còmhlan skiffle aca (làithean Lonnie Donnegan a bha seo!) ach chionns nach robh còisir Gàidhlig anns a' sgoil aig an àm, cha robh cus cothrom ann òrain ùra ionnsachadh.

Nuair a dh'fhàg i an sgoil chaidh i a dh'obair airson bliadhna, an toiseach ann a' Woolworths, ann am Partaig an Glaschu, agus an uair sin fad samhradh an Taigh an Droma.

Chaidh i an uair sin gu Sgoil Ealain Ghlaschu agus nuair a cheumnaich i à sin thug i grunn mhìosan ann an Nirribhidh, a' peantadh agus a' siubhal.

Ann an Colaiste Chnoc Iòrdain thug i mach dreuchd neach-teagasg ealain is thog i oirre a dh'Uibhist far an robh i fad deich bliadhna. Chòrd Uibhist gu mòr rithe, agus 's ann an Uibhist a chaidh a clàradh an toiseach le Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain dhan a' BhBC.

Ann an Uibhist thachair Màiri air seinneadairean leithid Ceit Phàdraig agus Peinidh Mhòr, Iain Pheadair agus Tormod Ruadh agus is iomadh òran a dh'ionnsaich i bhuaipe.

Bha Màiri cuideachd am measg na feadhainn a chuir air dòigh a' chiad Mòd ionadail an Uibhist ann an 1971, Mòd a bha a' tàladh sheinneadairean leithid Flòraidh NicNèill agus Seonag NicChoinnich nam britheamhan.

Thill Màiri dhachaigh a Leòdhas nuair a dh'fhas a màthair bochd, agus an 1984 chaidh i a theagasg a dh'Astràilia airson bliadhna. Fhad 's a bha i ann, chaidh i air làithean-saora gu New Zealand far na thachair i ris an fhear a bha os cionn còmhlan pìobairean Wellington. Seach gu robh esan ag iarraidh fuinn ùra dhan chòmhlan, chaidh Màiri dhan stiùidio agus chlàr i 30 òran is port dhaibh ann an dà uair a thìde.

Bhon uair sin tha i air iomadh òran a chlàradh an iomadh ceàrnaidh dhen t-saoghal. Tha càirdeas sònraichte aice ri Èirinn agus tha e fìor a ràdh gu bheil na h-Èireannaich a' cur meas mòr air Màiri agus air a h-òrain.

Bho chionn ghoirid dh'fhoillsich i leabhar, Sheòl Mi 'n Uiridh (Clàr, 2009), cruinneachadh de dh'òrain a rinn seòldairean.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.