
Buinidh Màiri C. NicNèill don Bhàgh a Tuath ann am Barraigh. An dèidh an sgoil fhàgail chaidh i gu Colaiste a' Chaisteil ann an Steòrnabhagh. Le teisteanas ann an obair òstaireachd, chaidh i dhan Òban. Cha robh i fada sa bhaile nuair a thoisich i a' seinn còmhla ri Còisir Ghàidhlig an Òbain agus tha i a' seinn còmhla riutha fhathast.
Choisinn i Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich aig Mòd Dhùn Èideann, ann an 1986, agus dà bhliadhna an dèidh sin fhuair i am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd Ghlaschu. B' i tè dhen a' chiad fheadhainn am measg nam boireannach a choisinn an dà dhuais.
Bhon uair sin tha i air a bhith a' seinn aig cèilidhean, cuirmean is fèisean air feadh Alba. Tha i gu sònraichte trang fad seuasan turasachd an t-samhraidh a' seinn ann an taighean-òsta agus taighean-cèilidh an Òbain.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.