Mairearad Ghriogarach

Tha na h-òrain aig Mairead Ghriogarach, 34 dhiubh air fad, rin lorg ann an leabhar beag ainneamh air a bheil Co-chruinneachadh de dh'Òrain Thaghte Ghaeleach nach robh riamh ann an clo-buala. Chaidh a chlò-bhualadh an Dun Èideann ann an 1831. Anns an ro-ràdh tha Donncha Mac an Tòisich ag innse gu bheil tòrr de na h-òrain air an dèanamh le "Margaret MacGregor, wife of Donald Gow, Auchinrie, Parish of Blair-Athol."

'S e an Dr Michel Byrne ann an Roinn na Ceiltis an Oilthigh Ghlaschu a tha air a bhith rannsachadh beatha na "bana-bhàrd air dìochuimhne" seo, agus na fhacail fhèin, "an cruinneachadh as motha de bhàrdachd Ghàidhlig le boireannach mus nochd an obair aig Màiri Mhòr aig deireadh an linn."

Am measg nan òran eile a tha anns an leabhar, tha còig òrain le bràthair Mhairearad, Donnchadh "Brocair" Griogarach am Bràigh Fasaidh, còig òrain le fear nach eil air ainmeachadh ach mar D-G, trì òrain le Donnchadh Gobha agus còig òrain le a nighean, Anna Ghobha, a rugadh sa bhliadhna 1788. Tha 22 òran ann cuideachd le bàird eile.

Chan eil e soilleir cuin a rugadh Mairearad Ghriogarach ach b' e Parra Mòr MacGriogair a chante ri a h-athair agus bha esan a' fuireach ann an Camuseireachd Mòr am Bràigh Raineach.

Tha e coltach gun do dh'fhàg Mairearad a dachaigh aig aois an ìre mhath òg agus gu robh i ann an seirbheis ann am Peairt. Tha e coltach cuideachd gun tug i greis ann an sgoil ann am Peairt aig aon àm agus ged tha i ag ràdh "'S mòr an stàth tha san ionnsach, bheir e tionnsgal don dràic", cha robh i saor on chianalas:

'S mi 'm shuidhe an seo fuaghal, 'n uinneag uasal taigh mhòir,
'S mòr gum b' annsa bhith sa bhuail' 'g èisteachd nualaich nam bò,
Leaga ghabhar is chaorach, 's crodh laoidh tighinn mun chrò,
Na bhith an seo air mo dhaoidheid san t-snàthad chaol ann am dhòrn.

Thug mi tamall an toiseach, gun sprochd orm no sgìos,
Rè an latha ri fuaghal, gun smuaineach air nì,
Gus an cual mi na dearcan bhith gan reic airson fiach,
Ghrad bhuail e am bheachdsa Coir' a' Bhacaidh nam fiadh.

'S truagh gun bhith an Leitir Dhubh Lachlainn, 's ann a chaisginn mo mhiann,
Gheibhte iomadach meas ann, gun neach a' farraid am prìs;
Còir gaolach mo chridhe am biodh iasg is sitheann gun dìth,
Meag is bainne gun airceas, 's cha b' iad na drapagan tì.

Nuair dh'èigheas iad am bainne, bheir mi sealladh a-mach,
'S ann chì mi a' bhairle air a ceangal an cairt;
Ged a thèid mi ga cheannach, Rìgh cha mhilis a bhlas!
'S fheàrr am meag bhios sa Ghàidhealtachd na bainne blàth bhios am Peart.

Phòs Mairearad Dòmhnall Gobha aig an robh tuathanas Ach' an Ruidhe an Gleann Earrachdaidh ann an 1775. Rinn i òran nuair a phòs i:

O 's e an gille ruadh
Don tug mi an gaol buan,
Gràdh an gill' ruadh
'S e mo luaidh thar chàich.

Ach ma rinn i òran do Dhòmhnall Gobha, rinn i cuideachd òran gaoil do dh'fhear Alasdair Mac Ille Mhaoil:

Ged tha mi am Peairt gur beag mo thlachd do luchd nan casag aotrom,
B' anns thu agam na fear aide ged bhiodh bailtean saor aig';
D' fhaotainn pòst rium on t-sagart 's cead air leabaidh fhraoich leat,
'S gar am biodh againn ach am breacan chuirte seachad oidhch' ann.

O shiùbhlainn leat o thuath gu deas a ghaoil air bheagan aodaich,
Ged bhithinn casrùisgt' air an shneachd dh'fhalbhainn leat gu h-aotrom
Chionn thu bhith agam ann am ghlac-sa ann am plaide chaoil ghil,
'S cha chluinnt' ar n-acain anns a' mhadainn an dèidh ar cadal oidhche.

A rèir coltais bha ceathrar chloinne a thàinig gu aois aig Mairearad agus Dòmhnall Gobha, ach tha iomradh ann an aon òran air co-dhiù dithis eile:

"Teàrlach agus Alasdair anns a' chill gun charachadh."

A bharrachd air òrain gaoil, tha na h-òrain aig Mairearad Ghriogarach a' moladh a cinneadh agus a dùthaich agus daoine anns a' choimhearsnachd am Blàr Athaill. Tha tàlaidhean nam measg agus òrain don chloinn, aon laoidh agus òrain do a bràithrean Iain agus Dòmhnall a bha an cogadh Ameireagaidh:

'S truagh nach mise thachair bhith 'm dhuine tapaidh treubhach,
'S gum feuchainn pàirt na carachd tha 'm falach ann am chreubhaig.
Bu choingis muir no talamh dhomh ach loingeas a bhith rèidh dhomh
'S mur tig a' bhàs no gradachd orm gum faicinn sibh le chèile.

On thachair dhomh bhith 'm bhoireannach, nach urra mi seo dhianamh
'S fheudar dhomh tro bhanalas bhith fanachd ann am rìoghachd
Mo theaghlach bhith toirt aire orra mar bhuine dhomh a dhèanamh
'S an nì sin leigeadh tharam o nach gabh e cur an gnìomh dhomh.

Ann an Òran na Tulchainn tha i a' toirt taing do na nàbaidhean a thug cobhair dhith an oidhche geamhraidh a thuit stuadh an taighe na bhroinn agus Donnchadh agus am mac air falbh. Mar tha Michel Byrne ag ràdh:

"Tha an t-òran a' tarraing dealbh mionaideach, beothail, den droch thubaist, mar a thàinig a' choimhearsnachd gu cobhair an teaghlaich, agus an t-saothair a bhiodh romhpa gus an taigh ath-thogail."

'S math is fhiach cuimhne a chumail air na h-òrain aig Mairearad Ghriogarach a dh'eug mun bhliadhna 1820. Cò nach aontaicheadh ri Michel Byrne, a sgrìobh:

"Dà ghinealach às dèidh Sileas na Ceapaich agus ceud bliadhna ro Mhàiri Mhòr, tha na h-òrain aig Mairearad Ghriogarach a' toirt dhuinn seallaidhean air sgìre ann an deis mheadhan atharrachadh eaconomaigeach, culturail is spioradail, tro shùilean bana-Ghàidheal - piuthar, màthar, bean-phòsta, bean-chinnidh, Crìosdaidh agus bàrd."

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha Mairearad Ghriogarach: Sùil Thòiseachail air Bana-bhàrd air Dìochuimhne leis an Dotair Michel Byrne ri leughadh san iris Scottish Gaelic Studies, Leabhar XXIII, a chaidh fhoillseachadh le Oilthigh Obar Dheathain ann an 2007.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.