Mairead NicNèill

Rugadh Mairead NicNèill, Mairead Fhorbais, air 27 Dùbhlachd, 1945.

B' e Forbais far-ainm a h-athair. Nuair a bha e na ghille beag ann am Borgh am Barraigh, cha robh as an teaghlach ach e fhèin 's le sin ma dh'fhaoidte gu robh a mhàthair agus athair beagan na b' fheàrr dheth na bha iadsan aig an robh teaghlaichean mòra. Bha a mhàthair daonnan a' snìomh agus a' fighe chlòithtean air beairt.

An turas seo thàinig fear-siubhail mun cuairt agus b' e Forbes an t-ainm a bha air agus bha deise chlò air. Chòrd an dath agus am pàtran gu mòr ri seanmhair Mhairead agus an ceann ùine dh'fhigh i clò leis an aon phàtran agus rinn i deise dhan ghille beag leis. Air sgàth na deise thug iad Forbais mar fhar-ainm air.

B' e Niall Mhìcheil Aonghais Ruaraidh athair Mhairead agus b' e Màiri Anna Uilleim Mhìcheil a màthair. Bha sianar a theaghlach aca, còignear nighean agus aon ghille agus bha an dachaigh an Eòlaigearraidh, ann an àite ris an cante Sgoireabhal, am pàirt is fhaide tuath de Bharraigh.

Sin far na rugadh 's na thogadh Mairead. Chaidh i do Sgoil Eòlaigearraidh agus an dèidh sin do Sgoil Bhàgh a' Chaisteil airson dà bhliadhna mus deach i do dh'Acadamaidh Inbhir Nis aig aois 14. Nuair a dh'fhàg i an sgoil chaidh i a dh'ionnsachadh a bhith na tidsear an Colaiste Notre Dame ann an Dowanhill an Glaschu.

Thill i a Bharraigh a dh'obair, an toiseach airson ceithir bliadhna ann an Sgoil Eòlaigearraidh. Leig i seachad teagasg airson teaghlach a thogail an dèidh pòsadh Ronnie MacNèill, Ronnie Nèill a' Phosta à Barraigh. Bha triùir a theaghlach aca, Anne Marie, Ruaraidh Eòsaibh agus Màiri Anna.

Nuair a thill Mairead a dh'obair chaidh i a theagasg a Bhrèibhig, 's thug i 17 bliadhna as an sgoil sin. Thug i an uair sin dhà na trì bhliadhnaichean a' dol mun cuairt sgoiltean, a' teagasg ceòl agus òrain agus a' chlarsaich, mus deach i dhan Ionad Ghàidhlig ann an Sgoil Bhàgh a' Chaisteil airson 12 bliadhna. Leig i dhith a dreuchd aig deireadh 2005 agus tha i an-diugh a' fuireach an Ghlaschu, air a cumail trang a' coimhead às dèidh 7 oghaichean.

Bha màthair Mhairead dèidheil air seinn agus òrain agus, ged nach biodh a h-athar tric a' seinn, nuair a ghabhadh e tè bheag no dhà aig àm Bliadhn Ùire 's ann a chluinneadh daoine cho eòlach agus a bha e air mòran òrain.

Sheinn Mairead air beulaibh dhaoine an toiseach aig consairt ann an Sgoil Bhàgh a' Chaisteil. B' e 'Fraulein' an t-òran a ghabh i fhèin agus bana-charaid òg.

B' ann nuair a thill i dhachaigh an dèidh a bhith sa Cholaiste a ghabh i ùidh mhòr ann an òrain agus a thòisich i a' seinn. Bha Mgr. Calum MacIlllFhialain an uair sin na shagart sa Bhàgh a Tuath agus e dèidheil air òrain agus ceòl agus bha e ga misneachadh. Bhiodh Mairead a' seinn leatha fhèin agus còmhla ri Criosaidh NicDhòmhnaill (Criosaidh "Denny) agus Nan Bochanan. Seinn agus spòrs gu leòr na lùib.

Am measg an fheadhainn a bha Mairead a' teagaisg bha Catrìona Anna Nic a' Phì agus clann a bhiodh a' dol gu Mòdan a sheinn no a chluich na clàrsaich. Cha do dh'fheuch i fhèin aig Mòd ach aon turas riamh. Bha i cho eagalach agus gum b' fheudar dhith stad agus "rinn mi òinseach dhìom fhìn."

Bha a nighean fhèin, Màiri Anna, agus clann a peathar, Cathy, dèidheil air a bhith seinn ann am farpaisean chòmhlain aig Mòdan agus thòisich Mairead a' sgrìobhadh òrain leithid 'Eòlaigearraidh' dhaibh. B' e clann a sheinn 'Ceòl air a' Ghaoith' agus 'Tìm' an toiseach, ged a bhiodh Criosaidh NicDhòmhnaill (Criosaidh "Denny) cuideachd gan gabhail.

Bhiodh Mairead a' seinn san eaglais agus chuir i ceòl agus dh'eadar-theangaich i laoidhean leithid A Thighearna Dhia.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.