
Rugadh Mairead NicLeòid ann an Dùn Èideann ged a bha a màthair às an Àird anns a' Rubha agus a h-athar à Tolastadh a' Chaolais ann a' Leòdhas. Nuair a bha i deich bliadhna ghluais an teaghlach a Cheann Phàdraig.
Thoisich i a' seinn an ath bhliadhna a-rithist, agus fhuair i a' chiad duais airson òrain thraidiseanta aig a' chiad Mòd gun deach i, ann an 1959 ann an Dùn Dèagh. Ann an 1962 choisinn i Bonn Airgid a' Chomuinn Ghàidhealaich, agus anns an Òban ann an 1970 Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich.
Ann an 1971, thug Mairead gu chèile buidheann air an tug iad Na h-Òganaich, i fhèin, a bràthair Donaidh agus Noel Eadie. Chaidh iad gu Mòd Shruighlea agus choisinn iad farpais nan còmhlain.
Sheinn Na h-Òganaich air feadh Alba, as an Roinn Eòrpa, as na dùthchannan Ceilteach eile, as na h-eileanan Fàro, ann an Canada agus as na Stàitean Aonaichte.
Rinn Mairead cuideachd Cur Car, a' chiad phrògram telebhisean Gàidhlig airson clann air Telebhisean Grampian.
Anns na 80an, thoisich Mairead ag obair leis a' chòmhlan Albany agus a' dèanamh cuairtean a bha a' seasamh ceithir mìosan gach turas, air feadh Ameireaga agus Canada. Rinn i sin còig tursan.
Tha i air a bhith a' seinn ann an Abu Dhabi agus an Dubai agus 's i a' chiad boireannach a fhuair cead seinn ann an Oman, bhon t-Sultan. Tha an t-seinn cuideachd air a toirt a dh'Astràilia agus Sealan Nuadh agus àiteachan mar Sarawak agus Brunei.
Thug i naoi bliadhna ag obair ann an Eden Court, Inbhir Nis anns an Show of the North, agus tha i air prògraman telebhisean agus rèidio a dhèanamh air feadh Bhreatainn. Tha i air iomadh clàr a dhèanamh, leatha fhèin, còmhla ris Na h-Òganaich agus còmhla ri Albany.
Ann an 2008 choisinn Mairead duais airson Best Guest Artist of the Year agus ann an 2009 fhuair i fhèin agus Na h-Òganaich duais airson an t-seirbheis a thug iad do cheòl Gàidhlig.
A bharrachd air seinn, tha Mairead a' teagasg Gàidhlig air feadh Ghlaschu, ann an Grianaig agus san Eaglais Bhreac.
Tha i pòsta aig Sgitheanach, Eòghainn MacNeacail à Port Rìgh, agus tha i moiteil gu bheil an nighean aice agus an t-ogha aice a' leantainn dòigh-beatha nan Gàidheal, ged tha iad an-diugh an Astràilia.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.