Mairead NicIllFhialain

Mairead NicIllFhialain

Rugadh Mairead NicIllFhialain anns a' Ghearastan air 3 Màrt, 1970, agus thogadh i air Eilean Seòna dom buineadh a h-athair, Iain. 'S e eilean beag, dlùth do thìr-mòr, ann an Loch Mhùideart, a th' ann an Eilean Seòna. Chaidh i dhan bhun-sgoil an sin còmhla ri a dithis bhràithrean, Seumas agus Iain. B' e Mairead a b' òige agus cha robh anns an sgoil ach an triùir aca.

Ghluais an teaghlach nuair a bha i ochd bliadhna a dh'aois agus chaidh iad a dh'fhuireach ann am Mìoghearraidh, faisg air làimh air tìr-mòr. Chaidh i dhan sgoil ann agus an uair sin gu Àrd-sgoil Loch Abair. An dèidh an sgoil fhàgail chaidh i gu Oilthigh Chaledonian Ghlaschu far an do cheumnaich i le BSc ann an Applied Biology, le Urram ann am Microbiology.

An dèidh crìochnachadh anns an Oilthigh chaidh Mairead a dh'obair mar oifigeir sgìreil do Dhualchas Nàdair na h-Alba, an toiseach ann an Uibhist is Barraigh, an uair sin anns an Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse, mus do thill i air ais do sgìre Loch Abair.

Bha i riamh air a cuairteachadh le ceòl oir 's e deagh phìobaire a bha na h-athair. Bha e anns na Scots Guards aig àm a' chogaidh ach thill e dhachaigh a dh'obair air an aiseag dhan eilean. Bha guth math cuideachd aig a màthair, Mòrag Chamshron, a bhuineas do dh'Àiridh Bheagaig, faisg air Àth Tharracail.

Thòisich Mairead a' seinn aig còig bliadhna a dh'aois agus bhon uair sin tha i air a bhith a' seinn aig cèilidhean, cuirmean-chiùil agus Mòdan, an dà chuid ann an còisirean agus leatha fhèin.

Choisinn i Bonn Òr Tìm an Òbain ann an 1994, Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich ann an 1995, agus am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs ann an 1996. Ghlèidh i an duais eadar-nàiseanta airson seinn san t-seann nòs aig an Fhèis Phan-Cheilteach ann an Èirinn, ann an 1997.

A bharrachd air a bhith a' seinn air feadh Alba, tha Mairead air siubhal gu Ceap Breatainn, an Eadailt agus Èirinn, agus tha i air nochdadh air iomadach prògram air rèidio agus telebhisean. Tha ùidh shònraichte aice ann an òrain taobh an iar Loch Abair agus tha i an dòchas cuid dhuibh sin a chlàradh a dh'aithghearr.

Ann an 1996 phòs Mairead Les Ford, a bhuineas do Fìobha. Tha ceathrar nighean aca.

Ann an 2005 chrìochnaich Mairead cùrsa neach-teagaisg agus anns an Lùnastal 2006 thòisich i a' teagasg tro mheadhan na Gàidhlig ann an Sgoil Ath Tharracail.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.