
Rugadh Mairead Hulse air an t-siathamh làtha den Damhair, 1934, ann an Stèornabhagh. 'S ann à Tolastadh bho Thuath a bha a màthair, Mairead Iain Aonghais Saighdeir, agus 's ann ann a' Lacasdal a rugadh a h-athair, Seumas Crockett, ged a thogadh e ann an Ceann a' Bhàigh, Steòrnabhagh. Bha ceangal aige, air taobh a mhàthair, ri sgìre Nis.
Bha seachdnar anns an teaghlach, triùir nighean agus ceathrar bhalach, agus 's i Mairead as òige.
An dèidh an sgoil fhàgail bha i ag obair ann am Muileann Kemp, ann an Steòrnabhagh, agus aig Daibhidh Tolmie, air Sràid Fhrangain anns a' bhaile, companaidh a bha cuideachd an sàs ann an gnìomhachas nan clòithtean.
Ann an 1960 phòs Mairead agus Lennox Hulse, à Obar Dheathain.
Bha Mairead a' frithealadh Mhòdan bho bha i na nighean sgoile. Na h-inbheach bha i na ball de Chòisir Ghàidhlig Lacasdail. Thòisich buill a' chòisir, gu h-àraidh Màiri NicLeòid à Brù, a bha na stiùiriche air a' chòisir, agus Iain MacArtair, Lofty, ga piobrachadh airson feuchainn air a' Bhonn Òr.
Rinn i sin airson a' chiad uair ann an 1963 agus choisinn i am Bonn Òr, aig Mòd Dhùn Omhain, ann an 1968.
Ann an 1974 thòisich Mairead ag obair na neach-teagaisg ciùil, a' dol timcheall sgoiltean air feadh Leòdhais, obair anns an robh i an sàs fad fichead bliadhna.
Nuair a thòisich i thuig i nach robh mòran stuthan sgrìobhte airson a cuideachadh a' teagaisg na cloinne, 's le sin thòisich i fhèin air sgrìobhadh, mar eisimpleir:
Bha bradan beag is bradan mòr
A' snàmh anns an t-sruth.
Thuirt bradan mòr ri bradan beag,
"Ciamar a tha thu 'n-diugh?"
Thuirt bradan beag ri bradan mòr,
"Tha mi glè mhath,
'S tha dùil agam a dhol gu muir
Nuair thèid an làn a-mach".
Thuirt bradan mòr ri bradan beag,
"A bheil thu às do chiall?
Tha iasgairean a-muigh an sin
A ghlacas tu le lìon".
Nach smaoinich sibh, a chàirdean chòir,
Air deireadh latha a' bhradain -
E 'n-diugh a' snàmh cho sona, saor
'S a-màireach ga ith le sailead!
Aig an aon àm bha cuid den luchd-teagaisg ag iarraidh oirre stuth a' sgrìobhadh a b' urrainn dhaibh fhilleadh a-steach do phròisectean a bha iad a' dèanamh, chionns nach robh mòran ann an Gàidhlig a bha freagarrach.
Ann an Sgoil Lacasdail, gu sònraichte, bha Ceannard na sgoile, Ciorstag Anna NicDhòmhnaill a' cur mòran sgoilearan air adhart airson co-fharpaisean a' Mhòid. Bhiodh Mairead a' sgrìobhadh rannan, dealbhan-chluich agus gnìomh-òrain dhaibh:
Cuiridh mi orm mo bhòtannan,
Is thèid mi mach a chluich,
Cuiridh mi orm mo bhòtannan,
Mus bi mo chasan fliuch;
Cuiridh mi orm mo bhòtannan,
Is nuair a thèid mi mach,
Thèid mi dhan a' lòn,
Agus nì mi brod a splais.
Cuiridh mi orm mo bhòtannan,
Is thèid mi mach sa bhad,
Cuiridh mi orm mo bhòtannan,
Mo chòta agus m' ad;
Cuiridh mi orm mo bhòtannan,
Is bidh mi air mo dhòigh
A' plubadaich 's a' stampadh
'S a' coiseachd tro na lòin.
Nochd a' chiad chruinneachadh de dh'obair Mhairead anns an leabhar Caoran ann an Cliabh, air fhoillseachadh le Acair ann an 1986. Choisinn e dhith duais litreachais aig Mòd Shruighlea, ann an 1987.
Chaidh Trobhadaibh A-steach fhoillseachadh le Acair ann an 1989 agus nochd Trealaich agus Tuilleadh Trealaich ann an 1998.
Tha na rannan eirmseach aig Mairead rin cluinntinn aig Mòdan, ionadail agus nàiseanta, a h-uile bliadhna:
Bu chaomh leam bhith nam bhreabadair
A' fighe a' chlò mhòir,
Le dathan dearg is uaine
Dèanamh aodach dhe gach seòrs',
A' cur a' chlò dhan mhuilinn
Is à sin a dh'iomadh àit -
'S iomadh fear a bhiodh gun chòt'
Mur bithinns' aig mo bheairt.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.