Rugadh Mairead Choineagan, nighean Iain Churstag Aonghais, ann an Urgha, faisg air Tairbeart na Hearadh ann an 1829. B' i Mòr Mhòr à Bàgh Chuilce bu mhàthair dhith agus bha i pòsta aig Eòghainn Moireasdan, Eòghainn 'n 'ic Chaluim, a rugadh ann an Urgha cuideachd.
Air 24 Gearran, 1885, chaidh dithis de na gillean aca, Coinneach, aois 17, agus Iain, aois 24, a bhàthadh mu ceithir mìle an ear-thuath air Eilean Ghlas Scalpaigh, a-mach bho Rubha a' Bhàird, aig beul Loch Claidh.
Chaidh dithis eile a bhàthadh cuideachd. Bha aon dhuibh, Angus MacLeòid, air a dhol gu muir an àite fear eile agus b' esan mac Mhurchaidh Thormaid Phìobaire, a bha pòsta aig Catrìona, piuthar athar an dithis bhràithrean. B' e Iain MacIllìosa an ceathramh fear agus b' esan mac Raonaid, piuthar Mhairead Choineagan, màthair nam bràithrean.
Bha Mairead agus Eòghainn a' fuireach aig a' Lon Bhàn ann an Scalpaigh agus far a' chnuic, os cionn an taighe, tha sealladh a-null gu Rubha a' Bhàird, far na thachair an call.
Rinn Mairead òran eile air an aon chuspair. B' i piuthar do dh'Alasdair Coineagan a rinn an t-òran 'Am Bàta Beag'. B' i cuideachd sinn-seanmhair Mhòrag NicLeòid, a bha aig Sgoil Eòlais na h-Alba an Dùn Èideann agus sinn-sinn-seanmhair Alasdair MhicLeòid a bhios bho àm gu àm a' seinn laoidhean air prògraman a' BhBC.
Chaochail Mairead Choineagan air 13 Màrt, 1913.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.