
Mairead NicLeòid
Rugadh Mairead NicLeòid ann an Dùn Èideann ged a bha a màthair às an Àird anns a' Rubha agus a h-athar à Tolastadh a' Chaolais ann a' Leòdhas. Nuair a bha i deich bliadhna ghluais an teaghlach a Cheann Phàdraig.
Thoisich i a' seinn an ath bhliadhna a-rithist, agus fhuair i a' chiad duais airson òrain thraidiseanta aig a' chiad Mòd gun deach i, ann an 1959 ann an Dùn Dèagh. Ann an 1962 choisinn i Bonn Airgid a' Chomuinn Ghàidhealaich, agus anns an Òban ann an 1970 Bonn Òr a' Chomuinn Ghàidhealaich.
Ann an 1971, thug Mairead gu chèile buidheann air an tug iad Na h-Òganaich, i fhèin, a bràthair Donaidh agus Noel Eadie. Chaidh iad gu Mòd Shruighlea agus choisinn iad farpais nan còmhlain.
Sheinn Na h-Òganaich air feadh Alba, as an Roinn Eòrpa, as na dùthchannan Ceilteach eile, as na h-eileanan Fàro, ann an Canada agus as na Stàitean Aonaichte.
Anns na 80an, thoisich Mairead ag obair leis a' chòmhlan Albany agus a' dèanamh cuairtean a bha a' seasamh ceithir mìosan gach turas, air feadh Ameireaga agus Canada. Rinn i sin còig tursan.
Tha i air a bhith a' seinn ann an Abu Dhabi agus an Dubai agus 's i a' chiad boireannach a fhuair cead seinn ann an Oman, bhon t-Sultan. Tha an t-seinn cuideachd air a toirt a dh'Astràilia agus Sealan Nuadh agus àiteachan mar Sarawak agus Brunei.
Thug i naoi bliadhna ag obair ann an Eden Court, Inbhir Nis anns an Show of the North, agus tha i air prògraman telebhisean agus rèidio a dhèanamh air feadh Bhreatainn. Tha i air iomadh clàr a dhèanamh, leatha fhèin, còmhla ris Na h-Òganaich agus còmhla ri Albany.
Ann an 2008 choisinn Mairead duais airson Best Guest Artist of the Year agus ann an 2009 fhuair i fhèin agus Na h-Òganaich duais airson an t-seirbheis a thug iad do cheòl Gàidhlig.
A bharrachd air seinn, tha Mairead a' teagasg Gàidhlig air feadh Ghlaschu, ann an Grianaig agus san Eaglais Bhreac.
Tha i pòsta aig Sgitheanach, Eòghainn MacNeacail à Port Rìgh, agus tha i moiteil gu bheil an nighean aice agus an t-ogha aice a' leantainn dòigh-beatha nan Gàidheal, ged tha iad an-diugh an Astràilia.
Donaidh MacLeòid
Tha Donaidh MacLeòid, bràthair Mhairead, air a bhith ag obair don BhBC ann an Glaschu fad iomadh bliadhna. Chuir na mìltean mòra de chlann eòlas air fhèin agus air na h-adan èibhinn agus amaideach a bhiodh air nuair a bha e a' libhrigeadh a' phrògram Dòtaman. O chionn grunn bhliadhnaichean 's e an riochdaire a tha air a' phrògram cloinne Dè a-nis?
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.