Maighread NicAonghais

A rèir an t-seinneadair Cairistìona Sheadha às na Hearadh, chaidh an t-òran Tha Mi Fo Chùram a dhèanamh le tè Maighread NicAonghais à Àird Shlèite san Eilean Sgitheanach do Thormod MacNeacail, Fear Òg Sgoirebreac.

B' e seo Tormod MacNeacail a rinn an t-òran 'S Gann gun Dìrich mi Chaoidh. Bha Tormod air a mheas cho math le gunna ri duine a bh' anns an Eilean Sgitheanach na latha, agus anns an t-òran tha e a' caoidh nach fhaod e tuilleadh a dhol a shealg air fearann Chloinn Dòmhnaill.

Ged nach eil fios le cinnt gur ann airson poidseadh a chaidh am bacadh a tha seo air, tha e ag innse gun d' fhuair e an t-òrdan ann an "litir o na h-uaislean".

A' bruidhinn ri Comann Gàidhlig Inbhir Nis air 1 Màrt, 1991, thuirt an Dotair Alasdair MacIllEathain gur dòcha gur ann bho bhràthair a mhàthar, am Morair Kingsborough a bha na Lord Justice Clerk aig an àm, a thàinig an litir.

Chaidh Tormod MacNeacail gu Tasmania far a deach a bhàthadh sa bhliadhna 1841.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.