Maeve NicFhionghain

Rugadh Maeve (Chaimbeul) NicFhionghain anns a' Ghearastan, far an robh a h-athair, Iagan Eòin Ruairidh, à Èirisgeigh, ag obair ann am Muileann Prannaidh na Corpaich. 'S ann à Eòlaigearraidh, ann am Barraigh, a tha a màthair, Cathaidh Orbish, agus bha an teaghlach anns an Ghearastan gus an robh Maeve còig bliadhna a dh'aois. Ghluais iad a Bharraigh an uair sin.

An dèidh dhi a bhith ùine ghoirid ann am Bun-sgoil Eòlaigearraidh ghluais an teaghlach às a' Bhàgh a Tuath gu Bàgh a' Chaisteil agus chaidh Maeve dhan sgoil ann a shin gus an robh i sia bliadhna deug. Chaidh i an uair sin do Sgoil MhicNeacail ann a' Steòrnabhagh airson dà bhliadhna.

An dèidh an sgoil fhàgail chaidh Maeve do Cholaiste Naomh Anndra ann an Glaschu airson trèanadh airson a bhith na neach-teagaisg. Bha i a' teagasg ann am Bun-sgoil Dhalabroig airson trì bliadhna an dèidh a trèanadh a chrìochnachadh, an dà bhliadhna mu dheireadh anns an Aonad Ghàidhlig, a bha air ùr thòiseachadh.

Fad 's a bha i ann an Uibhist, phòs Maeve agus Seumas Raghnaill Sheumais Ruaidh, às a' Bhogaich ann am Barraigh. Tha dithis chloinne aca a tha gu mòr an sàs ann an ceòl iad fhèin. Tha Niall a' cluiche na pìoba agus bidh Joanna a' seinn agus a' cluich na fìdhle agus cluichidh an dithis aca am piàna.

Ann an 1992, bliadhna an dèidh pòsadh, ghluais Maeve agus Seumas a Ghlaschu agus chaidh i a dh'obair an toiseach ann am Bun-sgoil Sir John Maxwell. Tha Maeve a-nise ag obair ann ann am Bun-sgoil Beinn Chamshroin, ann an Cille Bhrìghde an Ear.

Bha ùidh mhòr aice ann an òrain thraidiseanta a-riamh agus ann am Barraigh bha i air a cuairteachadh le seinneadairean aig an robh an t-uamhas òrain. Bha piuthar a màthar, Mairead NicNèill, math air seinn agus bha Criosaidh NicDhòmhnaill (Criosaidh "Denny") agus Màiri NicDhòmhnaill (Màiri "Denny") dlùth do thaigh an teaghlaich ann an Eòlaigearraidh.

Ged a bha leithid de dh'ùidh aice ann an òrain, cha do sheinn i riamh air àrd-ùrlar gus an deach i a-steach airson co-fharpais an t-Seann Nòis aig Mòd Àrd Ruighe, ann an 1993, agus bhuannaich i an fharpais aig a' chiad oidhirp.

An dèidh sin chaidh i na ball de Chòisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu agus ann an 1994 bha i anns a' chòmhlan Muir Làn a choisinn a' chiad duais ann an co-fharpais nan còmhlain aig Mòd Dhùn Omhainn. Bha Maeve cuideachd a' seinn còmhla ris a' bhuidheann luaidh Bannal. Fad 's a bha a' chlann òg cha robh Maeve a' seinn ach ainneamh. A-nise, 's iad nas sinne, tha i an dòchas a bhith air àrd-ùrlar gu math nas trice.

Tha cuid de na h-òrain aig Maeve air an clàradh air CD fon tiotal Fo Smuain.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.