Lorna NicCharmaig

Lorna NicCharmaig

'S ann à Port Rìgh a tha Lorna NicCharmaig. Bhuineadh a h-athair, Raibeart, do Leòdhas agus 's ann à sgìre Loch Aillse a tha a màthar, Clarice. 'S i an aon nighean anns an teaghlach agus tha ceathrar bhràithrean aice, Art, Raibeart, Eachann, agus Iain.

Chaidh Lorna go Bhun-sgoil agus Àrd-sgoil Phort Rìgh agus an dèidh an sgoil fhàgail chaidh i a dh'obair do Bhanca Dhail Chluaidh anns a' bhaile. Bha i ag obair ann an sin gu 2007 nuair a thòisich i ag obair do Chomhairle na Gàidhealtachd, ann am Port Rìgh.

Thòisich i a' seinn aig mòdan nuair a bha i anns an sgoil agus tha i air a bhith a' deanamh gu math ann an co-fharpaisean nan inbheach. Choisinn i an t-Aigeallan Airgid aig a' Mhòd Nàiseanta ann an Inbhir Nis ann an 1984, agus bhon uair sin tha i air a bhith gu math soirbheachail ann am farpaisean Sarah Weir is Òrain Chataibh agus an Eilein Sgitheanaich.

Bha i airson mu chòig bliadhna ann an Còisir Ghàidhlig Phort Rìgh ach chionns gu bheil i robh thrang le gnothaichean eile chan eil ùine aice a bhith na ball an-dràsta. Tha i a' cur seachad mòran ùine an sàs ann am Buidheann Pantomime Phort Rìgh agus bha i na riochdaire air an dealbh-chluich a chuir iad air àrd-ùrlar ann an 2010, dealbh-cluich anns an robh sia fichead neach, clann is inbhich, a' gabhail pàirt.

Tha Lauren, an nighean aice, a' seinn cuideachd agus cluichidh i an giotàr agus am piàna. Tha Lauren agus Lorna air a bhith a' seinn còmhla agus tha iad an dòchas ann an ùine nach bi fada gum bi iad a' seinn ann an co-fharpaisean càraid.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.