Lighiche Iain MacLachlainn, Rathuaidh

Thuirt iad gu snàmhadh tu 'n caolas

Air-son faoilte beòil

'S gu robh do dhruim làidir dìreach

Ag gabhail a-mach ri Beinn Shianta

Leis an eallach air do ghuaillean

Bhith faicinn an fhearainn na fhàsaich

Fo chaoraich is frainich is luachair.

Sin mar a thòisich am bàrd Somhairle Mac Gill-Eain an dàn a sgrìobh e fhèin is e a' cuimhneachadh air Iain MacLachlainn, An Dotair Ruadh.

Rugadh an Lighiche MacLachlainn ann an 1804 air tuathanas Rathuaidh sa Mhorbhairne ged a bhuineadh e do Cloinn Ic Lachlainn Dhùn Athad am meadhan Earra-Ghàidheal. Bha an teaghlach math dheth agus chaidh Iain do Oilthigh Ghlaschu far an do dh'ionnsaich e dreuchd na dotaireachd.

An dèidh an Oilthigh fhàgail, cha robh e a' faighinn obair a bha freagarrach agus chuir e roimhe a dhol dha na h-Innsean. Bha e deiseil gu falbh nuair a dhìrich e an t-aonach os cionn Tobar Mhoire am Muile airson an sealladh mu dheireadh fhaighinn air a' Mhorbhairne. Sin nuair a rinn e an t-òran dealachaidh Gur moch rinn mi dùsgadh.

Bheir mi sùil thar a' bhealaich air na beanntan mun cuairt

Siud an sealladh mu dheireadh air gach gleannan is bruaich

A fàgail libh beannachd 'n àm dealachadh uaibh

A' teàrnadh an aonaich 's iad mo smaointean tha truagh.

Ach mus do sheòl e fhuair e fios ga iarraidh gu obair an Glaschu agus an dèidh dha a bhith greis an sin thill e dhan Mhorbhairne.

Na latha bha e ainmeil an dà chuid airson a neart agus airson a cho-fhaireachdainn agus a choibhneas ri daoine bochda. Bha e cuideachd na lighiche sgileil a dh'fhalbhadh thar gharbhlach is monadh a fhrithealadh an euslaintich a dh'aindeoin fuachd no gailleann:

Dìreadh is a' teàrnadh nam bealaichean

Ho rò 's aigeannach mi!

Ged rachadh an saoghal gu gearan,

Cha leig mise smal air mo chrìdh.

Ag imeachd gun solas no soillse

Fo dhubhar nan coilltean leam fèin;

Chan fhaic mi le dorcha na h-oidhche

Ach dealan a' sitheadh nan speur.

Cluinnidh mi 'n fhairge ri borbhan

Co-fhreagairt ri torman nan dos;

Cluinnidh mi braoilich nan aibhnean

Co-fhreagairt ri raoinich nan eas.

B'e duine mòr a bh'ann, còrr air sia troighean a dh'àird agus làidir na bhodhaig. Bha e air innse gum biodh e a' snàmh a' chaolais gu eilean Chàrna a shuirighe air tè a mhuinntir an eilein. Bha aon sgeulachd ag innse mar a thachair e aon oidhche dhorcha sa chaolas ri tarbh Rathuaidh a bha snàmh dhan Mhorbhairne an dèidh a bhith air an eilean.

Bha sgeul eile ag ràdh gur ann a bhiodh e a' snàmh a' chaolais air druim an tairbh agus ag innse mu thuras a chuala daoine a bh'air a' chladach guth duine ag èigheach riutha far na mara mus fhaca iad, ann an ciaradh an fheasgair, adhaircean mòra an tairbh a' tighinn a-mach às an uisge. Cinnteach gur e an donas a bh'ann, thug iad an casan leotha.

'S dòcha gur e naidheachdan mar seo a bu choireach gu robh cuid a dhaoine a' cur na buidseachd às leth MhicLachlainn.

Bha doilgheas gu leòr na bheatha. Dà thuras bha e a' dol a phòsadh agus an dà thuras chaochail am boireannach goirid ro latha na bainnse.

Ged tha m' èideadh gun mhùthadh

'S mi gun deur air mo shùilibh

Gus an cuir iad san ùir mi

Bidh mi 'd ionndrainn rim bheò

Chionn bu toil leam an nìonag

Bu ro-thoil leam an nìonag

Mo sgeul dubhach ga innseadh

Thu bhi 'd shìneadh fon fhòid.

Bha MacLachlainn measail air an dram. Anns a' mharbhrann a rinn e dha, tha Donnchadh Mac a' Phearsain ag innse:

'N àm suidhe s' taigh-thàirne

Nuair chruinnicheadh na Gàidheil mun bhòrd

Cur mun cuairt na deoch-slàinte

S tu dhèanadh a pàigheadh 's a h-òl;

Sunndach sheinneadh tu 'n duanag

Le botal is cuach na do dhòrn

Nuair bhiodh bodaich a' lùbadh

'S an cridhe ga mhùchadh le bròn.

Eu-coltach ris an duine mòr foghainteach a bh'ann, tha tòrr de dh' òrain MhicLachlainn ciùin, sèimh, tiamhaidh, ceòlmhor, gu math milis, mar a bha san fhasan aig an àm:

Chaidh a' ghrian fo stuadh san iar

Dh'fhàg i fiamh air nial a' chuain

S èiginn dhomh on àird bhi triall

Sguir an eunlaith fèin dan duan.

Ach cha robh MacLachlainn daonnan a' leantainn an fhasain agus rinn e cuideachd dàin cho cumhachdach agus a th'anns a' Ghàidhlig mu na fuadaichean is am buaidh air na daoine:

Sealltainn sìos thar a' bhealaich

'S ann agamsa tha sealladh fuaraidh.

'S lìonmhor bothan bochd gun àird air

Air gach taobh nan làraich uaine;

Agus fàrdach tha gun mhullach

Is na thulaich aig an fhuaran.

Far an robh 'n teine 's na pàistean

'S ann is aìrde dh'fhàs an luachair.

Far an cruinnicheadh na h-àrmainn

Feuch a' chaora bhàn le h-uan ann.

Ach fhir shanntaich rinn an droch-bheairt

Liuthad teaghlach bochd a ghluais thu!

'S iomadh dilleachdan tha 'n ganntar

Agus banntrach a tha truagh leat.

An dall, an seann duine, 's an oinid

Toirt am mallachd air do bhuaireas.

Smuaintich fhèin nuair thèid thu null bhuainn

Mar bheir Rìgh nan Dùl do dhuais dhut.

B' fheàrr gun cuimhnicheadh tu tràth air

Mun tugadh am bàs don uaigh thu.

An ceannaich thu le beairteas tròcair?

Cha dèan òr gu bràth a bhuannachd.

Bha MacLachlainn beò aig àm a bha doirbh, le fuadaichean, gort is bochdainn. Cha robh e fhèin math dheth oir tric bha na daoine a bha e a' frithealadh ro bhochd airson a phàigheadh. Tha e air a ràdh gur ann an taigh nam bochd ann an Tobar Mhoire a bhàsaich e anns a' bhliadhna 1874. Sgrìobh e goirid mus do chaochail e:

On a thàinig mi don t-saoghal

'S beag a rinn mi smaointean glic;

Mar bhlàth cluarain leis an raon

Ghluaiseas leis gach gaoth a thig.

Gidheadh tha smaointean tiamhaidh bochd

Nochd a' mosgladh ann am chrìdh'

Tha mar fhàsaich falamh, fuar

'S e gun luaidh air neach no nì.

Chan eil agam leannan gaoil

No caraid caomh agam fon ghrèin

Chan eil agam bean no clann

No neach a b'annsa leam na chèil'.

Amhuil mar bhruid air a' mhàgh

Gun eagal Dhè, gun ghràdh gun dùil

Chan eil cùram air mo chrìdh'

S mi gun nì 's an cuir mi ùidh.

Mar a chuir Somhairle Mac Gill-Eain e:

Am fear a b' àbhaist an caolas

A shnàmh 's e làidir òg

Air a chlaoidh aig cor a dhaoine

'S leis a' ghaol nach fosgail uaighean,

Am fear còir aighearach fo èislean

Le fòid na cille 's fàs na luachrach.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.