Rugadh Lachann Mac an Lèigh, Lachann Dubh a' Chrògain, anns a' Chrògan am Muile, sa bhliadhna 1819. Na òige bha e a' seòladh thall thairis ach sguir e dhol gu muir agus fhuair e obair aig Cloinn Ghill Eathain, Uachdarain Locha Buidhe. Cha b' urrainn dha sgrìobhadh no leughadh ach bha e ag obair dhaibh mar bhàrd, mar iasgair agus mar phìobaire gus an robh e sean.
Tha m' aitreabh, tha m' àite dìon
Fon chaisteal dhìonach uaignidh;
Tha seun an àigh mu chom 's ri shàil
Chan fhaigh an nàmhaid buaidh air.
Anns an leabhar Lachann Dubh a' Chrògain (The New Iona Press, 2004) tha Maighread Dhòmhnallach Lobban ag innse mu sinn-sinn-seanair:
"Tha e coltach gun d' rinn Lachann mòran bàrdachd – òrain de gach seòrsa. Dh'fhaodte gur e na h-òrain aoireil a' bhàrdachd a b' fheàrr a rinn e. Nan robh e air a bhrosnachadh, bha teanga gheur, sgaiteach aige, agus mar sin bha daoine faiceallach mun cuireadh iad gruaimean air."
Tha Maighread Lobban cuideachd ag innse sgeulachd mu Lachann:
"Tha e coltach gu robh e math air searmonachadh. Anns na h-Eileanan bha iad tric gu feum air lay preacher. Chuir iad fios air Lachann aon uair airson tiodhlacadh a ghabhail.
Aig an ùrnaigh mu dheireadh chaidh e sìos air a ghlùinean agus chùm e air ag ùrnaigh airson ùine mhòr. Bha an sneachda tiugh air a' ghrunnd. Mu dheireadh thall, dh'fhosgail e a shùilean. Cha robh duine beò sa chladh ach e fhèin!"
Anns a' bhliadhna 1885, fhuair Dòmhnall MacPhàrlain don Phàrlamaid às leth nan croitearan agus bha Lachann a' guidhe gun cuidicheadh e daoine bochda:
Nis on chuir sinn ann an Cùirt thu
Staigh fo chùmhnantan nach gèill,
Thug thu uachdarain gu 'n dùbhlan
Bha gar sgiùrsadh mar na slaves.
Feuch gun cuimhnich thu gu h-àraidh
Air na daoin' aig nach eil sprèidh -
Òr na Banrigh a sgaoileadh
An ceàrn seo den t-saogh'l na fheum.
'S chuir na bochdan ann am dhùthaich
Ùrnaigh dhùrachdach nad dhèidh
Criopalaich is doill gun sùilean
'S daoine 's crùbaiche nan ceum.
Ach ma gheibh mi mo dhùrachd
Is gach cùrsa cur rium rèidh
Gheibh sinn gach nì air bàrr don dùthaich
Is fuireach ann ar dùthaich fhèin.
Bha triùir oghaichean aig Lachann a bha nam bàird, Iain Dòmhnallach a sgrìobh Muile nam Fuar-bheann Mòr, Seumas Dòmhnallach a sgrìobh An t-Eilean Àlainn agus Lachann Dòmhnallach a rinn 'Mo Shoraidh don Eilean'. Bha e cuideachd na cho-ogha do Dhùghall MacPhàil a sgrìobh An t-Eilean Muileach.
Chaochail Lachann air 3 Cèitean, 1901, aig aois 84, agus lorg Maighread Lobban aithris air ann an Tìm an Òbain air 25 Cèitean:
"Chaidh a thiodhlacadh ann an seann chladh Chill Eòin. Ghiùlaineadh a' chiste air guailnean choimhearsnach is charaidean chun na tràigh bho bhaile a' Chrògain is pìobaire an uachdarain air an ceann – Màidsear na Pìoba MacPhàil, a b' àbhaist a bhith anns na 93rd Highlanders, a' seinn pongan milis 'The Flowers of the Forest' air an inneal-chiùil a bha gràdhach aig a' bhàrd nach maireann, agus air nach robh e fhèin gun deagh chomas.
Thugadh an t-uachdaran agus mòran den tuath tarsainn Loch Spealbhaidh chun a' chladaich thall an grunn bhàtaichean, am fonn tiamhaidh a-nis air atharrachadh gu 'The Land of the Leal'.
An dèidh do sheirbheis Ghàidhlig a bhith air a cuairteachadh aig an uaigh chaidh Lachann a chàradh anns an ùir bheannaichte anns a bheil mòran ghinealach de Chloinn an Lèigh nan laighe."
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.