
Ged a rugadh Kathleen NicDhòmhnaill agus a triùir pheathraichean ann an Darlington an Siorrachd Durham thàinig iad a dh'fhuireach a Shiadar air taobh siar Leòdhais ann an 1948. Air a misneachadh leis an fhear a bha ga teagasg ann an Sgoil MhicNeacail, chaidh i do dh'Acadamaidh a' Chiùil ann an Glaschu far nach robh roghainn aice ach ceòl clasaigeach a dhèanamh.
Thug i greis a' teagasg as a' Chaisteal Nuadh an Sasainn an dèidh dhith pòsadh ach cha b' fhada gus an do ghluais an teaghlach air ais a dh'Alba.
Chaidh i tro dheuchainn seinn aig a' BhB, mar a dh'fheumadh gach seinneadair aig an àm sin mas fhaodadh iad nochdadh air prògraman. B' e Fred MacAmhlaigh, a bha os cionn roinn Gàidhlig a' BhBC, a dh'iarr oirre a peathraichean, Fiona, Una agus Peigi a thoirt cruinn mar an còmhlan a bha cho ainmeil, Na Peathraichean Dòmhnallach.
Cha b' fhada gus an robh iad air prògraman rèidio agus air prògraman telebhisean mar Songs all the Way. Seo far an do thòisich an càirdeas a bha eadar Kathleen agus Fionnlagh J. Dòmhnallach, càirdeas a mhair gus an do chaochail Fionnlagh.
An dèidh Songs all the Way thàinig sreathan phrògraman leithid 'S e Ur Beatha agus The MacDonald Sisters Fling, agus A Song of Crotal and White.
Ach a bharrachd air a bhith seinn còmhla ri a peathraichean bha fèill mhòr air Kathleen an iomadh àite airson a bhith a' seinn leatha fhèin.
Tha ceangal air a bhith aice ris an Orcastra Nàiseanta Rìoghail, an RSNO, bho 1975. B' àbhaist i cuideachd a bhith a' seinn an Àrd-eaglais Ghlaschu agus tha i fhathast a' seinn ann am buidhean còisireach Chomar nan Allt nuair nach eil i ann an Leòdhas far a bheil dachaigh aice.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.