
'S ann às an Eilean Sgitheanach a tha Kathleen Ghreumach agus thogadh i ann an teaghlach a bha air leth fiosrach mu dhualchas na Gàidhlig agus air leth dèidheil air ceòl. 'S ann às an Eilean Sgitheanach a tha a h-athair agus ged is ann à Dùn Èideann a tha a màthair, thàinig a cuideachd às na h-Eileanan. 'S e deagh sheinneadair a th' innte agus thug sin buaidh air Kathleen nuair a bha i òg. Tha triuir eile as an teaghlach - Magnus, Deirdre agus Ruaraidh.
Chaidh Kathleen don sgoil ann am Port Rìgh mus deach i do Shabhal Mòr Ostaig. An dèidh sin rinn i an cùrsa BA Ceòl Albannach ann an Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Dràma na h-Alban - an RSAMD - an Glaschu.
Thòisich i air a' chlàrsach ionnsachadh nuair a bha i naoi bliadhna agus an-diugh tha i aithnichte mar sàr-chluicheadair.
A thaobh seinn, chaidh a teagasg an toiseach le a màthair, an uair sin le luchd-teagasg Fèis an Earraich, agus le Ceana Chaimbeul agus Màiri NicAonghais aig an RSAMD.
A bharrachd air ceòl Gàidhlig tha ùidh mhòr aice ann an ceòl jazz agus tha i air a bhith ag ionnsachadh còmhla ris an t-seinneadair agus an sgrìobhaiche òran Sophie Bancroft.
Tha ceòl air Kathleen a thoirt gu iomadh àite san Roinn Eòrpa, an Canada agus as na Stàitean Aonaichte. Chleachd i a bhith a' seinn còmhla ris a' chòmhlan Brolum, agus tha i air òrain a sgrìobhadh.
An-diugh tha i ag obair don BhBC an Glaschu.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.