Karen NicMhathain

Karen NicMhathain

'S ann à Taigh an Uillt ann an Earra-Ghàidheal a tha Karen NicMhathain ach buinidh a cuideachd do Bharraigh agus thog i mòran de na h-òrain Ghàidhlig a bhios i a' seinn bho a seanmhair.

Na deugaire choisinn i am Bonn Airgid aig a' Mhòd Nàiseanta, agus ann an 1983, 's iad fhathast ann an Àrd-sgoil an Òbain, thòisich i fhèin, Dòmhnall Seadha agus caraidean eile an còmhlan Capercaillie.

Nochd a' chiad chlàr Cascade bhuapa ann an 1984 agus, a' cur fàilte air, sgrìobh an craoladair Iain Mac'illeMhìcheil, a bha na riochdaire òg aig BBC Radio nan Gàidheal aig an àm:

"Dhuibhse nach eil air an cluinntinn mu thràth an dàrna cuid air prògraman Gàidhlig air an rèidio no air àrd-ùrlar am bad-eigin tha mi glè chinnteach gun còrd iad glan ribh.

Air mo shon fhìn chuala mise an toiseach iad aig deireadh na bliadhna seo chaidh agus cha robh teagamh sam bith agam an oidhche sin nach biodh e fada gus an cosnadh iad cliù dhaibh fhèin air feadh na dùthcha gu lèir."

Thàinig fàisneachd Iain gu fìor. Dà bhliadhna an dèidh sin roghnaich iad a dhol an sàs ann an ceòl làn-ùine agus bhon uair sin tha Capercaillie agus Karen NicMhathain leatha fhèin air a bhith anabarrach soirbheachail, a' toirt an dreach fhèin air ceòl agus òrain Ghàidhlig, a' cruthachadh ceòl agus òrain ùra agus gan toirt gu luchd-èisteachd agus gu luchd-amhairc telebhisean, chan ann a-mhàin air feadh na dùthcha ach air feadh an t-saoghail. Tha iad air a bhith, mar eisimpleir, ann an Ameireaga a Deas, san Ear Mheadhanach agus ann an dùthchannan air taobh sear na Roinn Eòrpa. Tha iad faisg air fichead clàr no CD a dhèanamh.

Ach a bharrachd air na tha i a' dèanamh le Capercaillie tha Karen air CDan a dhèanamh leatha fhèin agus tha i air obrachadh còmhla ri iomadh neach-ciùil ainmeil agus le seinneadairean leithid Emmylou Harris, Nanci Griffith, Rufus Wainwright agus James Grant, agus buidhnean leithid Heritage de Celts às an Fhraing, agus Secret Garden à Nirribhidh.

Fhuair Karen OBE ann an 2006. Tha i pòsta aig Dòmhnall Seadha agus tha aon mhac aca.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.