Iseabail T. NicDhòmhnaill

Iseabail T. NicDhòmhnaill

Rugadh is thogadh Iseabail T. NicDhòmhnaill ann an Glaschu, ach 's ann ri Uibhist a Deas a tha ceanglaichean an teaghlaich. Bha i riamh air a cuairteachadh le ceòl agus b' e a h-athair am pìobaire ainmeil Ruaraidh (Roidein) Dòmhnallach.

Tha Iseabail aithnichte mar eòlaiche air òrain Ghàidhlig agus ceòl san fharsaingeachd, agus tha fìor eòlas aice air òrain Uibhist a Deas agus ceòl na pìoba.

Ghlèidh i co-fharpais an t-Seann Nòis aig a' Mhòd Nàiseanta ann an 1971, agus tha i air mòran dhe na seinneadairean a fhuair an duais sin on uair sin a theagasg.

Thòisich i a' cruinneachadh òrain ann an Uibhist ann an 1969 agus chuir i dà fhichead òran à beul aithris na sgìre sin anns an leabhar Do Ghinealach Eile.

Tha i air mòran sgrìobhadh a dhèanamh do phrògraman ciùil is eile air BBC Radio nan Gàidheal agus air telebhisean.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.