Iseabail NicAsgaill

Iseabail NicAsgaill

'S ann às an Rubha, Leòdhas, a tha Iseabail NicAsgaill ged a tha i an-diugh a' fuireach ann an Inbhir Nis. Tha i pòsta aig Bill MacAsgaill à Cataibh agus tha triùir mhac agus aon nighean aca.

Cha robh seinn san teaghlach agus, ged a bhiodh Iseabail a' seinn mar chur-seachad dhith fhèin cha mhòr bho thàinig còmhradh thuice, cha d' fhuair i a misneachadh airson seinn leatha fhèin san sgoil ged a bhiodh i anns a' chòisir bho àm gu àm. Le sin, dh'fhàs i suas a' smaoineachadh nach b' e seinneadair ro mhath a bh' innte.

Ach an dèidh dhith seinn aig Mòd nan Eilean Siar ann a' Steòrnabhagh ann an 1979 dh'atharraich cùisean. Bhon uair sin tha i air a bhith seinn air feadh an t-saoghail, ann an àitichean cho eadar-dhealaichte ri Israel, Coiria a Deas agus Ugràin.

Tha a guth sònraichte air buaidh a thoirt air iomadh duine. Tha Iseabail air mòran teagasg a dhèanamh aig fèisean air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Tha i air seinn tric aig fèisean mòra mar Celtic Connections an Glaschu, Celtic Colours ann an Canada, Iomall Fèis Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann agus a' North American Folk Alliance.

Tha i tric air telebhisean agus rèidio agus dh'fhàs luchd-amhairc eòlach oirre nuair a bha i a' cluiche Nora anns an t-sreath telebhisean Machair.

Chaochail Iseabail sa Mhàrt 2011.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.