Rugadh Isa Nic'ilip, Isa Chalum Dhòmhnaill Thormoid Shaighdeir, ann an Glaschu agus chaidh a togail as a' bhaile gus an robh i 10 bliadhna a dh'aois. 'S ann à Beàrnaraigh na Hearadh a bha a h-athair, Calum MacAsgaill no Calum Dhòmhnaill Thormoid Shaighdeir, agus à Grèinatobht a bha a màthar, Màiri Anna Sheumais 'ic Ruairidh.
'S e Gàidhlig a bha ga bhruidhinn san dachaigh agus b' ann às na h-eileanan a bha cha mhòr a h-uile duine a b' aithne dhaibh. Air los sin, cha robh cus Beurla aig Isa nuair a chaidh i don sgoil an toiseach, ged a thog i i gu math luath.
Tha Isa air a bhith eòlach air seinn agus òrain Ghàidhlig bho 's cuimhne leatha. Nuair a bha i òg bhiodh iad a' frithealadh nan cuirmean mòra a bhiodh na Comuinn Ghàidhealach a' cumail agus bha seinn riamh anns an dachaigh. Bha ceòl anns na daoine; bhiodh a màthair agus piuthar a màthar a' seinn agus bha pìobaireachd ann an teaghlach a h-athar.
Ged is e Beurla cànan na sgoile, bha i cho fortanach gu robh ceannard na sgoile à Muile. B' esan I. Tormod MacConnachie, a bha ainmeil na stiùiriche air Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu fad iomadh bliadhna. Le sin fhuair i seinn anns a' bhun-sgoil cuideachd, agus bhiodh e a' bruidhinn Gàidhlig rithe, rud a chòrd rithe gu mòr.
Gu h-iongantach, ged a chaidh a' bhun-sgoil dhan deach Isa a leagail bho chionn fhada, cha mhòr nach ann air an aon làrach a tha Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an-diugh.
Nuair a bha Isa 10, chaidh an teaghlach a dh'fhuireach ann an Grèinatobht, an Uibhist a Tuath, coimhearsnachd anns an robh Gàidhlig agus seinn gu leòr.
Chaidh i gu Sgoil Phaibil agus an uair sin, san treas bliadhna, dh'fhalbh i dhan sgoil ann an Inbhir Nis. Às dèidh dhith an sgoil fhàgail chaidh i gu Colaiste Chnoc Iòrdain far an robh i na h-oileanach aig Jake Dòmhnallach, an Sgitheanach a bha cho ainmeil mar neach-teagasg.
Thòisich i a' teagasg aig an taigh ann an Uibhist, ach dhùin an sgoil agus chaidh i an uair sin a dh'Inbhir Nis far an robh i a' dol mun cuairt diofar bhun-sgoiltean a' teagasg Gàidhlig.
Bhiodh i cuideachd a' toirt nan sgoilearan gu Mòdan agus thog sin an ùidh a bh' aice sa Mhòd agus chùm i oirre leis an seo nuair a thill i a dh'Uibhist ann an 1970.
Chuir Isa seachad grunn bhliadhnaichean na ceannard-sgoile air caochladh sgoiltean ann an Uibhist, agus chuir i seachad treis a' dol timcheall nan sgoiltean a' toirt òrain Ghàidhlig dhan chloinn.
Tha Isa air a bhith tric na britheamh aig a' Mhòd Nàiseanta agus is iomadh seinneadair òg a tha air oideachadh fhaighinn agus a tha air òrain ionnsachadh bhuaipe thar nam bliadhnachan.
Tha Isa pòsta aig Dòmhnall Mac'ilip à Beàrnaraigh na Hearadh.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.