Ina NicDhiarmaid

Ina NicDhiarmaid

Rugadh Ina NicDhiarmaid ann am Port Ghlaschu air 25 Cèitean, 1923. B' e Niall MacDiarmaid, a bhuineadh do Bhaile Phiocair, mu dhà mhìle tuath air Eilean Luing, a b' athair dhith agus b' i a màthair Cairistìona NicIllFhialain a bhuineadh do Pheighinn an Aoirein, Uibhist a Deas.

Bha bràthair a màthar, Alasdair MacIllFhialain, à Grodhaigearraidh, Uibhist a Deas na phìobaire agus na bhàrd. B' e a sgrìobh òrain leithid 'Uibhist nan Tràigh Leathann Rèidh'.

Bha athair Ina ag obair na shaor ann an gàrraidhean-iarrainn Lithgow's ann an Grianaig, ach ghluais an teaghlach às an sin nuair a fhuair Niall obair airson greis air Oighreachd Lithgow ann an Ormsaraidh, ann an Earra-Ghàidheal, far an deach Ina dhan bhun-sgoil.

Nuair a dh'fhàs a h-athair tinn ghluais an teaghlach a Ghrianaig agus chaidh Ina agus a piuthar, Iseabail, do Bhun-sgoil agus do dh'Àrd-sgoil Chommercial.

Nuair a dh'fhàg i an sgoil bha Ina ri obair clèireachd ann am Muileann a' Mharina agus an dèidh sin bha an aon seòrsa cosnadh aice aig an Rèidhle, ann an Grianaig an toiseach, agus an uair sin anns an oifig aca ann an Glaschu.

Bhiodh Ina gu tric a' frithealadh nam Mòdan agus bha i na ball de Chòisir Ghàidhlig Ghrianaig. Choisinn i am Bonn Òir aig a' Mhòd Nàiseanta anns an Leargaidh Ghallda, ann an 1956. An dèidh sin bha iarraidh mhòr oirre aig cèilidhean agus cuirmean anns gach àite. Bhiodh i tric a' seinn aig Comunn Gàidhlig Lunnainn, aig an robh spèis mhòr dhith.

Tràth anns na ceithir-ficheadan dh'fhàg Ina Glaschu airson a dhol a dh'obair do Roinn Taigheadais Chomhairle na Gàidhealtachd. Rinn i a dachaigh ann an Àird Ghobhair. An dèidh a dreuchd a leigeil dhith bha i trang an sàs anns a' choimhearsnachd, anns an eaglais agus a' cuideachadh le còisirean òigridh.

Chuir Ina seachad an dà bhliadhna mu dheireadh de beatha ann an Abbeyfield House, ann am Baile Chaolais, far an robh i air a deagh choimhead às a dèidh.

Chaochail i air 20 Gearran, 2010, aig aois 86.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.