B' ann air Iain Ruadh Stiùbhart a stèidhich an sgrìobhaiche Robert Louis Stevenson an caractar Ailean Breac Stiùbhart, anns na nobhailean ainmeil aige Kidnapped agus Catriona.
Bha co-ogha aig Stevenson a bha na dotair san Aghaidh Mhòir 's le sin bhiodh e a' tighinn dhan sgìre agus, tha fhios, a' cluinntinn sgeulachdan mu Iain Ruadh, duine a bha sònraichte math le claidheamh, duine dàna a bha na cheannard airm aig a' Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart, duine a bha na dheagh phìobaire agus na bhàrd:
Gura mòr mo chùis mulaid
'S mi ri caoineadh an guin atà 'm thìr;
A Rìgh, bi làidir, 's tu 's urrainn
Ar nàimhdean a chumail fo chìs.
Oirnne is làidir Diùc Uilleam
An rag-mheàirleach, tha guin aige dhuinn;
B' e siud salchar nan sgeallag
Tighinn an uachdar air chruithneachd an fhuinn.
Mo chreach, Teàrlach ruadh bòidheach
Bhith fo bhinn aig Rìgh Deòrsa nam biasd;
B' e siud dìteadh na còrach
An fhìrinn 's a beòil foidhpe sìos;
Ach, a Rìgh, mas e deòin leat
Cuir an rìoghachd air seòl a chaidh dhinn,
Cuir Rìgh dligheach na còrach
Ri linn na tha beò os ar cinn.
Rugadh Iain Ruadh ann an Cinn a' Chàrdainn, beagan mhìltean às an Aghaidh Mhòir, ann an 1700, mac le Dòmhnall Stiùbhart agus a bhean, Barabal Sheathach. B' e teaghlach uasal a bh' annta aig an robh eachdraidh chliùiteach.
Chaidh e don sgoil ann an Inbhir Nis far an d' fhuair e deagh fhoghlam. Chaidh e don arm an dèidh an sgoil fhàgail, agus bha e na oifigear anns na Royal Scots Greys. Ach a chionns gu robh e a' taobhadh ris na Seumasaich, chaill e a dhreuchd ann an 1737. A rèir beul-aithris bha e air a chuir às a leth gun do leig e prìosanach Seumasach ma sgaoil. Tha coltas ann cuideachd gu robh e ag obair os ìosal do na Seumasaich.
Chaidh Iain Ruadh a-null don Fhraing ann an 1737, agus, còmhla ri fògarraich Sheumasach eile, shabaid e an aghaidh nam Breatannach aig Blàr Fontenoy ann an 1745.
Nuair a chuala e gu robh am Prionnsa Teàrlach air a' bhratach a thogail ann an Alba thill e airson taic a thoirt dha. Thog e Rèiseamaid Dhùn Èideann agus bha e an sàs còmhla riutha fad Bliadhna Theàrlaich.
Mo chreach mhòr, na cuirp glè gheal
Tha nan laigh' air na slèibhtean ud thall
Gun chiste, gun lèintean,
Gun adhlacadh fhèin anns na tuill;
Chuid tha beò dhiubh an dèidh sgaoileadh
'S iad gam fògar le gaothan thar tuinn;
Fhuair na Chuigs an toil fèin dinn
'S cha chan iad ach reubaltaich rinn.
Chan eil teagamh nach b' e Iain Ruadh aon de na ceannardan airm a b' fheàrr a bh' aig na Seumasaich agus canaidh cuid gu faodadh buil gu math eadar-dhealaichte a bhith air a bhith aig Bliadhna Theàrlaich nan robh na Seumasaich air èisteachd ris.
B' fheudar dha a dhol fon choill an dèidh Blàr Chùil Lodair agus thug e còig mìosan air an allaban. Ann an 'Ùrnaigh Iain Ruaidh' tha e a' toirt dhuinn sealladh air a shuidheachadh:
Aig taobh sruthain na shuidhe 's e sgìth
Tha 'n Crìosdaidh bochd, Iain Ruadh,
Na cheatharnach fhathast gun sìth,
'S a chas air tuisleadh san tìm gu truagh.
Ma thig Duibhnich no Cataich am dhàil
Mun slànaich o luigheannan truagh',
Ged thig iad cho tric is as àill,
Cha chuir iad orm làmh le luaths'.
Nì mi 'n ubhaidh rinn Peadar do Phàl
Is a luighean air fàs-leum bruaich:
Seachd paidir 'n ainm sagairt is Pàp'
Ga chur ris na phlàst mun cuairt.
Ubhaidh eile às leth Muire nan Gràs
'S urrainn creideach dhèanamh slàn ri h-uair:
Tha mise am chreideamh gun teagamh gun dàil
Gun toir sinn air ar nàimhdean buaidh.
Sgeul eile 's gur h-oil leam gur fìor
Tha an-dràst' anns gach tìr mun cuairt:
Gach fear gleusta bha feumail don Rìgh
Bhith ga ruith feadh gach frìth air ruaig,
Bodaich dhona gun onair gun bhrìgh,
Ach gionach gu nì airson duais,
Gabhail fàth oirnn 's gach àit' anns am bi –
Cuir a' chuibhle seo, Chrìosd, mun cuairt.
Cha do chaill e riamh a chreideas gun tigeadh a' chuibhle mun cuairt agus gum biodh na Stiùbhartaich air ais ann an cumhachd.
Chaidh e dhan Fhraing còmhla ris a' Phrionnsa air 20 Sultain, 1746, agus sin far an do bhàsaich e ann an 1749. Chan eil lorg air càite a bheil e air adhlacadh.
Tha Òran Eile air Latha Chùil Lodair a' toirt dhuinn iomradh air na h-adhbharan nach deach am blàr le na Seumasaich agus dealbh mionaideach air na thachair air an latha, 16 Giblein, 1746:
Air thùs an latha dol sìos
Bha gaoth a' cathadh nan sian,
As an adhar bha trian ar lèiridh.
Dh'fhàs an talamh cho trom
Gach fraoch, fearann, is fonn,
'S nach bu chothrom dhuinn lom an t-slèibhe.
Bha lasair-theine nan Gall
A' frasadh pheileir mur ceann,
Mhill sud èireachdas lann 's bu bheud è.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.