Chaidh an laoidh 'Amazing Grace', laoidh cho aithnichte 's a th' anns an t-saoghal, a sgrìobhadh leis an t-Sasannach Ian Newton, a bha na phears'-eaglais agus na bhàrd. Bha Newton beò eadar 1725 agus 1807 agus chaidh an laoidh fhoillseachadh an toiseach ann an 1799.
Dh'fhàs Newton suas gun chreideamh làidir de sheòrsa sam bith na bheatha. An aghaidh a thoil chaidh e dhan Chabhlach Rìoghail agus bha an t-soitheach air an robh e aig aon àm ag aiseag thràillean.
Aon oidhche agus e aig muir ri stoirm, le eagal a bheatha, dh'èigh e air an Tighearna airson tròcair. Seo far an do thòisich an turas beatha a thug air am muir fhàgail agus tòiseachadh air cùrsa Diadhachd.
Thàinig e mach mar mhinisteir anns an Eaglais Shasannach ann an 1764 agus fhuair e eaglais agus coitheanal ann an Olney am Buckinghamshire, agus b' ann an seo thòisich e ri sgrìobhadh bàrdachd còmhla ris a' bhàrd Uilleam Cowper.
Sgrìobh e 'Amazing Grace' airson searmon a bha e a' toirt air Latha na Bliadhn' Ùir, 1773.
Tha eòlaichean a' meas gu bheil na facail air a bhith air an seinn ri mu fhichead fonn eadar-dhealaichte, ach anns a' chumantas, 's e fonn air a bheil New Britain is trice thathar a' cleachdadh. Tha aon eòlaiche a' meas gu bheil an laoidh air a seinn mu dheich millean turas gach bliadhna.
Fiosrachadh mun t-Eadar-theangaiche: An t-Urr. Iain MacLeòid
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.