
Rugadh Iain, no Seonaidh MacSuain, Seonaidh Alasdair Bhig ann a' Sgarastadh Mhòr air 18 Iuchar, 1947. Bhuineadh cuideachd a mhàthair, Seonag Iain 'ic Fhionnlaigh, do Sgarastadh fhèin agus cuideachd athar do Mhiabhag a Deas. Bha triùir bhràithrean aige agus ceathrar pheathraichean. Chaochail aon dhuibh na pàiste, aig aois còig bliadhna. Chaidh Seonaidh do Bhun-sgoil Sgarastaidh agus an dèidh sin do Sgoil an t-Òib.
Chuir e seachad cuid mhath dhe bheatha a' dràibheadh aig trì companaidhean anns na Hearadh – an companaidh aig Iain MacAoidh à Horgabost, an companaidh aig Ruairidh MacAsgaill à Àird Àsaig agus Companaidh MhicAsgaill bhon Tairbeart. Thug e cuideachd dà bhliadhna ag obair ann an Oifig a' Phuist air an Tairbeart. Mus tug a shlàint air sguir a dh'obair ann an 2004 bha e na ghafair aig Loidse nam Borgh airson faisg air dusan bliadhna.
Ann an 1969 phòs Seonaidh Oighrig NicLeòid bhon Tairbeart, nighean Ailig John Sheonaidh Dhòmhnaill Chaluim à Beàrnaraigh na Hearadh. Tha dithis chloinne aca, Dorothy, a tha pòsta ann an Steòrnabhagh agus Iain, a tha ag obair air an Tairbeart.
Bha ùidh mhòr aig Seonaidh ann an ceòl bho bha e na bhalach, gu h-àraidh ceòl a' bhogsa, sgil a dh'ionnsaich e dhà fhèin. Bha e iomadach bliadhna ann an Còmhlan Cèilidh na Hearadh còmhla ri Eardsaidh MacPhilip air a' bhogsa, Seonaidh MacLeoid (Toman) air an double bass, Ruairidh MacAsgaill air na drumaichean, le MacLeòid (Polan Beag) uaireanan air an fhidhill. Bhiodh an còmhlan seo a' cluiche aig dannsaichean feadh Leòdhais agus Na Hearadh. Tha Dòmhnall Iain, bràthair Sheonaidh, math air seinn agus 's e a' chiad duine a thug an t-òran Chì Mi 'n Tìr gu aire luchd-èisteachd.
Anns na ceithir ficheadan thàinig atharrachadh am beatha Sheonaidh. An-duigh bidh e a' searmonachadh ann an eaglaisean air feadh Lèodhais agus Na Hearadh agus a' cur a-mach na loidhne ann an Eaglais na h-Alba air an Tairbeart agus ann an eaglaisean eile cuideachd nuair a bhios feum air.
Chaochail Iain MacSuain ann an Ospadal na Ràthaig Mhòir air an ochdamh latha den t-Samhain, 2010, aig aois trì fichead 's a trì.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.