Rugadh Iain MacRath, Iain mac Mhurchaidh, ann am meadhan na h-ochdamh linn deug, ann an Lianag a' Chùl Doire, ann an Cinn Tàile, far a bheil atach an taighe aige ri fhaicinn chun an latha an-diugh.
Bhuineadh e do dh'uaislean Clann MhicRath, agus rugadh a shinn-shinn-seanair ann an Caisteal Eilean Donain, ann an 1580. Ann an 1746, an dèidh Blàr Chùil Lodair, chaidh athair, Murchadh, a chrochadh ann an Inbir Nis, ged a tha teagamh ann an robh e dha-rìribh a' toirt taice do na Seumasaich.
A rèir beul-aithris agus na tha sgrìobhte, bha daoine measail air Iain mac Mhurchaidh oir b' e duine toilichte a bh' ann, làn òrain agus spòrsail na dhòigh, an còmhnaidh ri fhaicinn far am biodh daoine tighinn ri chèile san sgìre. Bu toigh leis iasgach agus sealg:
Mo shoraidh gu Sgurr Ùrain
'S an coire th' air a cùlaibh;
Gur tric a bha mi dlùth ann
Air chùl agh is mheang;
Ag amharc air mo ghlùinean
An damh a' dol 's a' bhùirich
'S a chèil' aige ga dùsgadh
Air ùrlar nan allt.
Cha b' e 'n duilleag chrìonach
A chleachd e bhith ga bhiathadh
Ach biolair agus mìn-lach
Is sliabh gun bhith gann;
Nuair rachadh e ga iarraidh
Gun tàirneadh e tro fhiaclan
An t-uisge cho glan sìolait'
Ri fìon às an Fhraing.
An dèidh Chùil Lodair thòisich an dàimh eadar uaislean na Gàidhealtachd agus an luchd-cinnidh ag atharrachadh. Bha màil a' dol suas am prìs, agus aon droch gheamhradh chaill Iain mòran chrodh:
Gur beag m' aoidh dhol chun na h-àirigh
Shealltainn air mo chuid chrodh àlainn
'S nach fhaic mi dhiubh ach na cnàmhan
'S iad gun bhliochd, gun stà, gun laoigh.
Mu 1774, chuir e roimhe Cinn Tàile fhàgail agus a dhol a dh'Aimeireagaidh, a Charolina a Tuath. Ged a bha feadhainn a b' aithne dha air an imrich a dhèanamh roimhe, tha fhios nach robh an co-dhùnadh furasta dha.
B' fheàrr leam gun cluinninn uaibh sgeula
Ciamar tha sibh an dèidh na mara
Togamaid fonn air na feara
Dh'fhalbh uainn 's a chaidh thairis
Togamaid fonn air na feara.
Dh'fhalbh a bhean, aon nighean agus triùir mhac còmhla ris. Dh'fhàg iad aon nighean ann an Alba.
Aig an àm seo bha na h-Aimeireaganaich air fàs searbh de riaghladh Bhreatainn. Thòisich Cogadh na Saorsa goirid an dèidh do dh'Iain ruighinn a-null agus ghabh e do dh'Arm nan Dìleasach, air taobh a' Chrùin.
Bha e fhèin agus a mhac Murchadh anns an Royal Highland Emigrant Regiment. Bha e sa bhlàr aig Moore's Creek air 27mh Gearran, 1776, ach às a dhèidh, a dh'aindeoin 's gun do theich e, chaidh a ghlacadh 's a chuir am prìosan:
'S mi air fògradh bho fhoghar
Dèanamh thaighean gun cheò annta.
Tha mi sgìth dhen fhògar seo
Tha mi sgìth dhen t-strì
Seo an tìr dhòrainneach.
Ann am bothan beag barraich
'S nach tig caraid dham fheòrach ann.
Ged a tha mi fon choille
Chan eil coire ri chòmhdach orm.
Ach bhi cogadh gu dìleas
Leis an rìgh bhon bha chòir aige.
Thoir mo shoraidh le dùrachd
Gun dùthaich sam bu chòir dhomh bhith.
Thoir mo shoraidh Chinn Tàile
Far am bi mànran is òranan.
A 'n tric a bha mi mun bhuideal
Mar ri cuideachda shòlasaich.
Cha b' e 'n dram bha mi 'g iarraidh
Ach na b' fhiach an cuid stòraidhean.
Ceud soraidh le dùrachd
Gu Sgurr Ùrain, 's math m' eòlas innt'.
'S tric a bha mi mun cuairt dhith
Ag èisteachd udlaich a' crònanaich.
A' bheinn ghorm tha mu coinneamh
Leam bu shoilleir an neòinean innt'.
Sìos is suas tro Ghleann Seile
'S tric a leag mi 'n damh cròiceach ann.
Gheibhte breac air an linne
Fir gan sireadh is leòis aca.
Tha mi nis air mo dhìteadh
Ann am prìosan droch bheò-shlainteach.
Bhathar a' smaoineachadh gun robh leithid de bhuaidh aig na h-òrain aig Iain mac Mhurchaidh air na Gàidheil ann an Carolina 's gun deach dèileigeadh gu math cruaidh ris. A rèir beul-aithris dh'fhuiling e bàs air leth oillteil.
Tha e coltach gun deach Duanag Altram (no Dèan Cadalan Sàmhach) a dhèanamh don nighean bheag a thug iad leotha a Charolina a Tuath.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.