"Mac stròdhail nam bàrd a shiubhail iomadh cuan. Gus na ràinig e ceann a rèis am Montreal, cha do rinn e tàmh ann am bad sam bith ach airson tacan. Ach a dh'aindeoin sin dh'fhàg e ionmhas de dh'òrain 's de bheul-aithris às a dhèidh."
Sin beachd an sgoileir Seumas Ros, e fhèin à Gleann Dail san Eilean Sgitheanach, air Iain MacLeòid, Iain Dubh Dhòmhnaill nan Òran.
Tha òrain a bhràthair, Niall MacLeòid, rim faotainn anns an leabhar Clàrsach an Doire (Gilleasbaig Mac na Ceàrdaich, Celtic Press, Glaschu, 1893) ach mar a sgrìobh an t-Urr. Iain MacAonghais ann an Gairm, Àireamh 82, Earrach 1973:
"Shealbhaich e a bhàrdachd o athair, Dòmhnall nan Òran, ach air dha òran a chuir ri chèile, bha e ag earbsa ri meamhair a luchd-èisteachd airson na rannan a ghleidheadh."
Chan eil cruinneachadh de dh'òrain Iain Dubh an clò agus 's beag a dh'fhios cia mheud aca a chaidh a chall.
Anns a' phrògram Iain Dubh Dhòmhnaill nan Òran, a rinn Seumas Ros do roinn Gàidhlig a' BhBC, thug Donnchadh Iain Bhig, mac le piuthar a' bhàird, an dealbh seo dhe:
"Gnoigearnach de dhuine, tiugh, dorcha. Falt dubh air, cho dubh ris an fhitheach. Cho dubh ris an fhitheach. 'S ann airson sin a thug iad Iain Dubh air. Bha e dubh air a h-uile dòigh."
Coltach ri gu leòr eile, bha Iain Dubh na sheòladair bho bha e na bhalach, a' tighinn 's a' falbh bhon dachaigh an Gleann Dail. Ach bha e an-àbhaisteach cuideachd mar a mhìnich an t-Urr. Iain MacAonghais:
"Bha e anabarrach sgileil ann an lùth-chleasachd is cleasan dìomhair is chaidh sgeul a-mach air feadh na Gàidhealtachd gun d' fhuair e an t-eòlas mì-nàdarra sin ann an sgoil dhuibh anns an Eadailt.
Chan fhaca mi ach aon uair e. Sgonn de dhuine pearsanta, làidir, caran dorcha anns a' chraiceann, ach fealla-dhà is fearas-chuideachd na shùilean. Bha mise aig an àm nam bhalach fo aois sgoile. Bha Iain Dubh a' toirt spòrs de threud chloinne a bha a' geur-amharc air, an sùilean làn-fhosgailte le iongnadh. Bha Iain Dubh a' tarraing ribeanan, slatan is slatan dhe, a-mach às a bheul, is uighean às a chluais, is a' glacadh sgillinnean a bha a' tuiteam sìos a-mach às an adhar. Cha deachaidh na cleasan sin às mo chuimhne fhathast."
Ann am prògram Sheumais Rois thug Ailig MacNeacail, Ailig Brocair, eisimpleirean de na comasan neo-thuigsinneach a bh' aige:
"Bha iad air tighinn a-nall far bhòidse agus bha iad ag iarraidh air tìr agus cha leigeadh a' mate leotha a dhol air tìr gus an d' rachadh na deicichean a sguabadh an toiseach.
Thuirt Iain ris a' mhate gu robh na deicichean gu bhith air an sguabadh mar thà. "Fhalbh, 's seall suas," ars esan, "tha na bruisean ag obair." Dh'fhalbh a' mate suas 's bha a h-uile bruis riamh air an deic 's iad a' sguabadh leotha fhèin gun duine nan còir. Theab a' mate tuiteam!
Bha droch sgiobair aige, tha e coltach, 's cha robh e fhèin 's e fhèin a' tighinn a rèir a chèile idir. Bha an sgiobair a' smaointinn meall dhe fhèin agus nuair a bha e a' tighinn a-staigh gu ruige Cluaidh bha e air an drochaid agus dh'fhalbh Iain agus chuir e ceann mòr tairbh air! Na daoine a bh' air a' chidhe, cha robh fhios aca dè am beathach a bha shuas air an drochaid idir. 'S cha robh an sgiobair a' faicinn sìon ceàrr air fhèin."
'S ann aig muir a bha Iain mar bu tric a' bàrdachd. Chan fhuireadh e air tìr oir bha tàladh a' chuain ro làidir. A dh'aindeoin sin, tha cianalas ann an òrain leithid Mo Mhàthair an Àirnicreap. Air latha àraid Sàbaid, bha e air bòrd soitheach a' seòladh deas tron a' Chuan Shiar, eadar an t-Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan Siar. Lìon mulad e, is e a' coimhead as an dol seachad cnuic is glacagan Ghleann Dail air an robh e cho eòlach agus ris an robh e cho ceangailte.
Dh'eug Iain is e air falbh às an Eilean agus tha e air a thiodhlacadh ann am Montreal an Canada. Bha naidheachd a' dol nach do dh'fhàs bileag feòir a-riamh air an uaigh aige, ach chan eil sin idir fìor.
Mar a thuirt Seumas Ros a bha cho eòlach air an eachdraidh aige agus air a bhàrdachd:
"Chan eil sìon a dhearbhadh ri fhaotainn gu robh droch rùn aige do neach sam bith. Cha do ghortaich e duine neo-chiontach riamh le chuid bàrdachd. An corra uair a rinn e fanaid, faodar aontachadh nach b' ann gun adhbhar, 's nach robh e riamh guineach.
Chan eil e furasta dhuinn dealbh mar gum biodh a tharraing dhan an duine seo. Ach bhon an tuar a chuir e air fhèin bha anam teò-chridheach. Tha mi smaoineachadh gu bheil sinn a' faicinn sna briathran aige air Latha na Sàbaid ud, 's an long air an robh e ag imeachd suas a' Chuan an Iar, gu dè seòrsa duine a bh' ann an Iain Dubh. Cianalas is aithreachas, aithreachas agus cianalas an duine aonranaich."
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.