Iain MacLeòid (Iain a' Bhodaich)

Iain MacLeòid (Iain a' Bhodaich)

Rugadh Iain MacLeòid, Iain a' Bhodaich, ann an Tolastadh a' Chaolais, Leòdhas air 1 Samhain, 1931. B' e Dòmhnall Murdo Thormoid 'an 'ic Dhòmhnaill athair agus Catrìona NicChoinnich, Catrìona Dhonnchaidh Mhòir, a mhàthar. Bhuineadh cuideachd a mhàthair do Na Geàrrannan an Càrlabhagh.

Bha sìanar anns an teaghlach, triùir nighean agus triùir bhalach agus b' e Iain a b' òige. Chaidh e do Sgoil na Dùine, ann an Càrlabhagh, gus an robh e ceithir-deug agus an dèidh na sgoile fhàgail bha e na bhreabadair.

Mu 1967 chaidh e fhèin agus a phiuthar Mòrag a dh'obair a Ghlaschu agus lean Anna greis an dèidh sin. Bha iad uile a' fuireach air Sràid Clifford, ann an Ibrox.

Bha Iain ag obair air na crainn anns na gàrraidhean-iarainn ann an Linthouse, agus mu dheireadh aig companaidh Innleadaireachd Howdens, air Sràid Alba, anns a' bhaile.

Mun àm a leig a pheathraichean dheth an dreuchd thàinig air Iain obair fhèin a leigeil dheth cuideachd air sgàth a shlàìnte agus, ann an 1987, thill iad uile dhachaigh a Leòdhas. Cheannaich iad taigh ann an Tolastadh a' Chaolais.

Bha bràthair Iain, Murchadh Aonghas, air a' phoilis ann an Glaschu gus an do leig e dheth a dhreuchd agus thill e fhèin air ais a Leòdhas, agus tha e an-duigh a' fuireach ann an Steòrnabhagh. Tha ùidh mhòr aige ann an òrain. Tha deagh ghuth aige agus bidh e a' sgrìobhadh òrain.

Bha guth sònraichte math aig Iain fhèin ach cha robh iarraidh aige riamh air seinn air àrd-ùrlar. Gu fortanach cheannaich muinntir Tholastaidh a' Chaolais fear den chiad uidheaman clàraidh a thàinig a Leòdhas agus bhiodh iad a' cruinneachadh ann an taigh Amhlaidh, taigh-cèilidh a' bhaile, agus a' clàradh òrain bho fheadhainn a bha math air seinn. Bha Iain air fear den fheadhainn a bhiodh anns a' chuideachd sin agus 's ann air sgàth sin a tha cothrom againn a ghuth a chluinntinn an-duigh.

Chaochail Iain air 8 Cèitean, 1996, aig aois trì fichead agus a ceithir.

Tha sinn an comain Chathaidh NicLeòid à Tolastadh a' Chaolais, nighean Thormoid, bràthair Iain, airson an fhiosrachaidh seo.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.