Iain MacLeòid

Rugadh Iain MacLeòid, mac croitear, ann an Cùl Cinn an Stòir mu mheadhan na naoidheamh linn deug. Chaidh e do Sgoil na h-Eaglaise Saoire san sgìre agus an uair sin do dh'Àrd-sgoil Bhaile Dhubhthaich.

Chaidh e an uair sin do dh'Oilthigh Dhùn Èideann agus chuir e crìoch air fhoghlam ann an Diadhachd ann an Oilthigh Ghlaschu.

Cha deach e mar a bha dùil gu bhith na mhinisteir ann an Eaglais na h-Alba nuair a chrìochnaich e san oilthigh. An àite sin ghabh e dreuchd mar cheannard-sgoile air The Grammar School of Warminster, ann an Sasainn.

Gu mì-shealbhach thàinig a' chaitheamh air agus b' fheudar dha an obair a leigeil seachad. Nuair a fhuair e os cionn an tinneis bha e ag obair na thaoiteir aig grunn theaghlaichean beartach mun cuairt Lunnainn. Bha e ris an obair sin grunn bhliadhnaichean gus an do bhris air a shlàinte a-rithist. Thill e gu tuath, gu Asainte, far an robh e airson an còrr dhe bheatha.

B' e duine còir a bha ann, a rèir choltais, air an robh daoine measail. B' e Am Proifeasair a chante ris agus, ged a bha e a' taobhadh ris an uachdaran, Diùc Chataibh, anns an t-òran Àirigh a' Chùl-chinn tha e ag aithneadh don Riaghaltas am fearann a thoirt air ais do na daoine.

Rinn e grunn òrain a' moladh a dhùthaich fhèin:

Bha sinn shìos is bha sinn shuas
An Lunnainn 's an Dùn Èideann,
Ach b' anns leam bhith 'n tìr nam beann
'S a' siubhal ghleann le chèile.

'S iomadh madainn shamhraidh chiùin
A dhùisg sinn leis an smeòraich,
Nar bhiodh na sòbhragan cho cùbhr'
'S an dealt air bàrr nan neòinein.

'S iomadh latha sheòl sinn long
Air Loch na Cula-Fraochaidh
'S bu bhòidheach i air bàrr nan tonn
Dol seachad Sgeir na Faoileig.

Rinn Iain MacLeòid beagan dhàin sa Bheurla cuideachd agus dh'fhoillsichear aon leabhar de bhàrdachd, fon t-ainm Dàin agus Òrain, an toiseach ann an 1907 agus a-rithist ann an 1918.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.