
Iain MacÌomhair
Rugadh Iain ann am Paibil as a' Rubha, Leòdhas, air 29 Giblean, 1958, an aon leanabh a bha aig Iain MacÌomhair (An Turnaidh) agus Etta Màiri NicChoinnich à Paibil Uarach. Bha athair math air a' bhogsa a chluich, agus bha bàrdachd an dualchas a mhàthar.
Chaidh e do Bhun-sgoil an Àird agus an uair sin do Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. An dèidh an sgoil fhàgail, fhuair e obair a' trèanadh airson a bhith na chompositor aig Gazette Steòrnabhaigh. An dèidh còig bliadhna a thoirt ri sin, chaidh e a dh'obair airson dà bhliadhna aig companaidh clò-bhualaidh Essprint sa bhaile, mus do thill e air ais chun a' phàipear-naidheachd.
Ann an 1995 thòisich e a' teagasg ceòl Gàidhlig ann a' sgoiltean Leòdhais agus Na Hearadh, obair as a bheil e air a bhith air leth soirbheachail. Tha an obair a tha e a' dèanamh gu h-àraidh le Còisirean Sgoil Sir E Scott as na Hearadh ri fhaicinn aig a' Mhòd gach bliadhna 's iad a' togail mòran dhuaisean.
Iain MacÌomhair agus Flair
Bha Iain a' seinn agus a' cluich a' ghiotàr bho bha e na dheugaire òg. Tràth anns na seachdadan bha e a' cluich ann an còmhlan air a' robh a' Heb Dance Band. Bhiodh iad a' cluich aig bainnsean is cuirmean ann a' Leòdhas agus aon oidhche nuair a ghabh iad beagan fois am meadhan na cuirm dh'iarr cuideigin air Noreen Mhàrtainn à Liùrbost òran a ghabhail. Chòrd an guth làidir, ceòlmhor, tarraingeach aice gu mòr ri Iain. Ro dheireadh na h-oidhche bha e air aonta fhaighinn bhuaipe gu seinneadh i còmhla riutha.
Rè ùine dh'fhàg iad a' Heb Dance Band agus thug iad greis anns a' chòmhlan aig Seòras Clavey, a' Heather Isle Dance Band.
Thurchair e gu robh an dithis aca dèidheil air ceòl country agus cha b' fhada gus an robh iad a' seinn òrain le blas country orra nuair a biodh an còrr dhen chòmhlan a' gabhail fois aig dannsan is bainnsean.
An ceann ùine chuir iad cùl ri na còmhlain dannsa is thòisich iad Flair. Ann an 1975 chuala Coinneach 'Mòr' MacÌomhair iad is dh'iarr e orra tighinn a dh'Inbhir Nis a ghabhail pàirt ann an cèilidh a bha ga craoladh beò leis a' BhBC air oidhche Naomh Anndra.
Thurchair gu robh Tormod MacIllEathain ag obair air sreath phrògraman telebhisean aig a' BhBC. Chuala e Flair air prògram oidhche Naomh Anndra agus thug e cuireadh dhaibh tighinn air Tormod air Telly.
Aig an àm, cuideachd, bha Tormod, Fergie Dòmhnallach, Iain "Ikey" MacIlleMhìcheil agus Ailean MacColla air companaidh air an robh Shona Records a thòiseachadh. B' e Flair an dàrna clàr a dh'fhoillsich a' chompanaidh.
Ged a bha an dà dheugaire trang, thuig iad gu robh feum aca air òrain ùra agus smaoinich Iain gu robh cho math dha fhèin feuchainn ri sgrìobhadh. Cha b' fhada gus an robh òrain leithid 'Comhairle nan Eilean' agus 'Mast an Acha-Mhòr' a' toirt gaireachdainn air a' mhòr-chuid de luchd-èisteachd, ged a dhùisg an dreach a bha iad a' toirt air òrain Ghàidhlig deasbad a mhair seachdainean ann an Gazette Steòrnabhaigh.
Bha obair latha aig Noreen ann a' Woolworths ann a' Steòrnabhagh agus bha Iain ag obair a' clò-bhualadh a' Ghazette. A dh'aindeoin sin, bha 'd a' siubhal air feadh na dùthcha nuair a b' urrainn dhaibh. Chaidh iad air chuairt air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann an 1977 còmhla ri Tormod MacIllEathain, 's bha iad aig oidhche shònraichte The Tartan Ball ann an Tiffany's Ballroom an Glaschu còmhla ri còmhlan òg eile, Runrig, ann an 1978.
Ach bha e doirbh a bhith ri obair latha, ri siubhal 's ri cruthachadh òrain ùra agus, ann an 1981, cho-dhùin iad gu robh làithean Flair seachad.
Tha Iain MacÌomhair fhathast a' seinn, a' teagasg, a' stiùireadh chòisirean, a' sgrìobhadh òrain agus a' lìbhrigeadh prògram ceòl country, Fàilt' air an Dùthaich, air BBC Radio nan Gàidheal.
Chaochail Noreen Mhàrtainn 's gun i mòran thairis air dà fhichead, ach tha a dìleab don Ghàidhlig ri chluinntinn fhathast air clàraidhean Flair.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.