Rugadh Iain MacIllFhinnein, Iain Dubh mac Dhòmhnaill 'ic Iain, uaireigin anns an dàrna leth dhen naoidheamh linn deug, ann an Inbhir Àsdal air taobh a Deas Loch Iù.
Chaidh e gu ruige Astràilia ann an 1884, 's e na ghille òg. Fhuair e fàilte agus dachaigh faisg air Brisbane, ann an taigh piuthar a mhàthar, Anna Bheag, agus an duine aice, Ruaraidh MacLeòid à Geàrrloch.
Taobh a-staigh mìos fhuair e obair, fo stiùireadh fear Calum MacPhàrlain, faisg gu leòr airson a bhith tilleadh gu Anna Bheag air na deireadh sheachdainean. Tron t-seachdain bhiodh e a' fuireach ann an taigh MhicPhàrlain:
Nuair ràinig mi 'n àros bha 'n fhàrdach air dòigh
Bha leabaidh ghlan bhlàth le brat sgàil ann an còis;
Bha biadh de gach gnàth ann, 's deoch làidir gach seòrs
'S bean Chaluim gu làmhach ga càradh air bòrd.
An ceann ùine chaidh Iain gu Brisbane far an d' fhuair e eòlas air teaghlach Leòdhasach aig am biodh e tric air an deireadh seachdain. Anns an taigh seo choinnich e ri bhean, Ciorstaidh Ruadh Ruaraidh Uilleim, i fhèin à Inbhir Àsdal, a bha air mhuinntireas ann an taigh mòr faisg air far an robh e ag obair.
Cha do dhìochuimhnich e riamh an dùthaich a dh'fhàg e. Ann an 'Òran Fèin Riaghlaidh' sgrìobh e:
Fàilte don chinneach uasal
Dom bu dualach a bhith treun;
Nuair a nì na Gàidheil gluasad
Bheir iad buaidh 's na h-uile ceum;
Fàilte air feadh na Gàidhealtachd,
Fàilte do mo dhùthaich fhèin,
An fhàilte chuirinn thar nan cuantan -
Soraidh bhuam do thìr nan geug.
Rachadh sibh gualainn ri gualainn
'S bheir sibh buaidh air luchd an fhèidh;
Cuiridh sibh na towrists dhachaidh
'S gheibh sibh na srathan dhuibh fhèin;
Cumaibh-se mun cuairt a' chuibhle
Leis na puingean agaibh fhèin,
'S bheir sibh a' phàrlamaid à Sasainn
'S gheibh sibh laghan ceart a rèisd.
Gheibh sibh a-rithist air ais na frìthean
A bha aig bhur sinnsir fhèin,
'S thèid gach fear a-mach le ghunna
'S cha bhith cunnart dha no beud.
Gheibh na Gàidheil mar bu chòir dhaibh
Cothrom sealg air cròic an fhèidh,
'S marbhaidh iad bradan is ruadh chearc
'S cha chuir uachdaran orr' èis.
Bha Iain 40 bliadhna ann an Astràilia mus d' fhuair e cothrom tilleadh a dh'Alba. Mar a chuir e fhèin e:
Tha faradh cho daor, 's mi caol san sporran
'S gu feumar fuireach air fògradh.
Thill e fhèin agus Ciorstaidh Ruadh ann an 1924. Mar a dh'innis Ailig MacRath air prògram Gàidhlig a' BhBC air 9/06/1978:
"Tha cuimhn' agam air Iain Dubh agus a bhean tadhal air m' athair 's mo mhàthar airson latha no dhà a chuir seachad còmhla rinn ann am Bad a' Chrò. Bha e càirdeach dhomh fhìn bhon 's e mac bràthair mo sheanmhar a theirinn ris. Nise, tha muinntir Bad a' Chrò air taobh eile an loch bhon eaglais agus is ann le bàtaichean a b' àbhaist dhaibh an taigh-adhraidh a ruighinn.
Air an t-Sàbaid àraidh a bha Iain còmhla rinn bha gach neach gu math tràth air an sgeadachadh ann an aodach Sàbaid agus na bàtaichean air an ullachadh mar a b' àbhaist. Bha a' muir-làn a-staigh agus fhuair iad air bòrd a' bhata gun èis sam bith, agus mar an ceudna fhuair iad air tìr gu socrach aig cidhe Cheann an t-Sàil.
Ach an uair a bha iad a' tighinn dhachaigh bha am muir a-mach agus bha ùrlar a' chidhe cho àrd anns an uisge 's nach b' urrainn iad faighinn air bòrd. Agus b' fheudar dhaibh snàigeadh air an glùinean am measg chlachan mòra sleamhainn air an còmhdach le feamainn, agus b' iongantach nach robh cuid aca air am bàthadh.
Bha cuisean beagan na b' fheàrr ann am Bad a' Chrò oir bha creag chòmhnard ann air an d' fhuair iad air tìr. Air madainn Diluain, man d' fhàg Iain Bad a' Chrò, chuir e ri chèile na rainn a leanas:
Bha mi 'm Bad a' Chrò, àite bòidheach crannach,
'S ann tha sluagh is fialaidh bha riamh air thalamh;
Chì thu an Tàillear Crùbach le aodann geanail
A' còmhradh gu beulach ri Mòr NicCaluim.
Chan eil biadh a dh'fhàsas an àit' air thalamh
Nach fhaigh thu gach gnàth dhiubh bho bhean an taighe;
Ìm is gruth is càise, is buntàta is sgadan,
'S thèid feòil nam molt 's nam fiadh thoirt gu fialaidh seachad.
Nuair a thig an t-Sàbaid le sàmhchair bheannaicht'
Thèid an sluagh nan tàmh bho gach ceàird is ceannachd;
Bidh gach sean is òg an taigh-adhraidh a' Chlachain
'S fear togail fonn nan salm a' seinn nan ceann le caithreim.
Bha mi 'n-dè san t-searman taobh thall na mara,
'S gu dearbh chan fheumadh cearb a bhith air mo chasan;
Dol air bòrd a' bhata measg chreag is chlachan
Cha mhòr nach deach mo bhàthadh mun d' fhuair mi dhachaidh.
Fhuair mi mòran àbhachd measg sluagh a' bhaile;
Dh'fharraid iad mo shlàint' gu càirdeil, duineil;
Labhair iad gu bàidheil an Gàidhlig fhallain,
'S dh'fhalbh mi moch Diluain air mo chuairt gu geanail."
Rinn e Gabhaidh Sinn Am Bàta air fonn 'Loch Lomond' air a' bhàta a' dol air ais a dh'Astràilia.
Thill Iain a sgìre Gheàrrloch aon uair eile, ann an 1935. Chaochail e mu àm a' chogaidh agus chaidh leabhran beag le chuid òrain Duanagan agus Sgeulachdan Beaga fhoillseachadh le Alasdair MacLabhrainn ann an Ghlaschu an 1937. Chaidh leabhran eile, My Two Trips to Scotland: In Song and Story fhoillseachadh am Brisbane.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.