Rugadh Iain MacIllEathain, Iain Mac Lachlainn na h-Urbhaig sa Chaolas, Tiriodh air 21 Faoilleach, 1867.
Bhuineadh e don teaghlach dom buineadh am bàrd Iain Mac Ailein. B' e maraiche a bh' ann, a thòisich a' dèanamh dhàin nuair nach robh e ach 16.
Chaochail e air 20 Dùbhlachd, 1895, 's gun e ach 28.
Rinn e an t-òran Tha Mi Fo Smuairean air Moch Diluain do Mhàiri Chaimbeul a bhuineadh do Cheann-tàile am Muile.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.