Iain MacGriogair (Lieutenant Colonel)

Iain MacGriogair (Lieutenant Colonel)

Rugadh Iain MacGriogair ann a' Steòrnabhagh air 24 Gearran, 1848. Fhuair e fhoghlam ann a' Steòrnabhagh, an Oilthigh Ghlaschu, ann a' Lunnainn agus anns a' Royal Army Medical College, Netley.

Às a' sin chaidh e a dh'obair a Sheirbheis Meidigeach nan Innsean agus thar nam bliadhnaichean bha e ag obair am Bombay, an Aden, am Baluchistan agus am Burma. Chuir e seachad ùine air crìochan Shìona, agus thàrr e às le bheatha dà thuras an dèidh don each air an robh e a' marcachd a bhith air a mharbhadh.

Rinn e mòran siubhal ri linn a dhreuchd ach cuideachd rinn e mòran siubhal, aig amannan a dh'aindeoin cunnartan mòra, air a cheann fhèin. Dhìrich e gu mullach Popocatepetl ann am Meagsago, agus shiubhal e tro roinnean de Bhorneo agus Burma. Lean e air an uair sin tro sgìrean as nach robh Eòrpach eile air a bhith, gus na ràinig e abhainn Mekong agus mu dheireadh an Cuan Sìonach.

Bha e air bòrd soitheach cho mòr 's a bh' air an t-saoghal aig an àm, a' City of Paris, nuair a theabadh a' cur fodha le muir bàthte am meadhan a' Chuain Shiair.

Nuair a nochd e, bha fèill mhòr air an leabhar aige, Through the Buffer State – A Record of Recent Travels Through Borneo, Siam and Cambodia (F. V. Whyte and Co, Lunnainn, 1896)

Rinn Iain MacGriogair mòran sgrìobhadh, rosg agus bàrdachd. Bhiodh e ri sgrìobhadh bàrdachd is òrain Ghàidhlig nuair a bha e fad bhliadhnaichean thall thairis, airson dèanamh cinnteach nach cailleadh e a chànan mhàthaireil. Chaidh iad sin fhoillseachadh anns an leabhar Luinneagan Luaineach – Random Lyrics (David Nutt, Lunnainn 1897).

Anns an ro-ràdh tha Iain MacGriogair a' sgrìobhadh:

"With the single exception of Victoria Òirdheirc ... all the poems in the volume have been written in distant regions, sometimes on land and sometimes on sea; and most of them have often and often been sung by myself for my own amusement. Hence it is that I returned to the Highlands with a better knowledge of Gaelic than when I first left them."

Bha e cuideachd na bhall de chomuinn leithid Comunn Gàidhlig Lunnainn, An Comunn Gàidhealach, Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu agus Comunn Leòdhais is Na Hearadh an Glaschu.

B' e athair an sgrìobhaiche Alasdair Alpin MacGregor.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.