A rèir an leabhar Urquhart and Glenmoriston: Olden Times in a Highland Parish le Uilleam MacAoidh (Inbhir Nis, 1893), 's e Bràigh Rùsgaich an aon òran air a bheil sgeul a rinneadh le Iain MacDhùghaill à Bun Leothaid, baile beag air bruaich an iar-thuath Loch Nis.
Tha MacAoidh ag ràdh gun do rinn MacDhùghaill an t-òran agus e air falbh an Dùn Èideann agus e ag ionndrainn saorsa agus sàmhchair na dùthcha taobh Loch Nis. Tha e ag innse mar a bha fèill mhòr air an t-òran anns an sgìre agus gun do dh'eug am bàrd an Dùn Èideann tràth anns an ochdamh linn deug.
Tha an t-òran cuideachd ri lorg anns a' chruinneachadh òrain Story and Song from Loch Ness Side (Inbhir Nis, 1914) a rinn Alasdair MacDhòmhnaill a rugadh an Gleann Moireasdan air 4 Sultain, 1860. Bha Alasdair do shliochd Alasdair Bhuidhe, aon de sheachd fhir Ghlinn Moireasdan a rinn cobhair air am Prionnsa Teàrlach nuair a bha e fon choill an dèidh Blàr Chùil Lodair.
Bha e ag obair na neach-cunntais, ach bhuineadh e do dhaoine aig an robh mòran de sheann bheul-aithris. Rud sam bith a chuala e fiù aon uair, tha a h-uile coltas gun cumadh e air chuimhne e. Dh'fhoillsich e cuid de na sgeulachdan agus na h-òrain a chuala e anns an leabhar.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.