Iain MacDhòmhnaill (Iain Lom)

'S e Iain 'Lom' Dòmhnallach, Iain Manntach mar a theireadh cuid ris, aon de phrìomh bhàird mhòra na seachdamh linn deug. A dh'aindeoin sin, chan eil fios cinnteach againn cuin a rugadh e no cuin a bhàsaich e. Cha mhotha na sin a tha mòran fiosrachadh ann mu a bheatha phearsanta.

Tha eòlaichean dhen bheachd gu robh e beò bho mu 1624 gu 's dòcha timcheall air 1710. Bhuineadh e do Chlann Raghnaill na Ceapaich agus tha a' bhàrdachd aige, a tha air sgeul, a' dearbhadh an ùidh mhòr a bha aige ann am poilitigs a latha.

Rinn Iain Lom bàrdachd air cuspairean leithid Cogaidhean Mhontròis, An t-Ath Leasachadh, Murt Ghleann Comhann agus Murt na Ceapaich. Bha e air leth dìleas do fhine fhèin, na Dòmhnallaich, agus bha dubh ghràin aige air "Caimbeulaich nam beul sligneach", mar a tha aige orra san t-òran Là Inbhir Lòchaidh.

Thug an sgrìobhaiche Iain Mac a' Ghobhainn a bheachd air bàrdachd Iain Luim anns an iris Gairm, Àireamh 49, nuair a chaidh an leabhar Òrain Iain Luim, air a dheasachadh le Anna NicChoinnich, fhoillseachadh ann an 1964.

"'S e rìoghachd Iain Luim, rìoghachd an taobh a-muigh, rìoghachd na sitig – am bùrn, am boglach, a' chlach. Greimichidh duine oirre na fhiaclan ma tha e ag iarraidh - tha i cho daingeann. Chan e saoghal na h-inntinn a tha seo, ach saoghal duine a chaith a bheatha am measg uisge is brùidealachd. Bruidhnidh e air Dia aig amannan, ach 's ann ag iarraidh air cur às do na Caimbeulaich a tha e. Cha leig sinn a leas ach leughadh eachdraidh na Ceapaich airson sin fhaicinn. Dh'fhaodar a ràdh gur esan na aonar a tharraing an dìoghaltas deireannach air na murtairean."

Agus tha Mac a' Ghobhainn a' cumail air, "Tha mòran spèis agam do Iain Lom mar a chì mi e ag èirigh às an leabhar seo. Thachair mòran ris ach chan eil e a' call a spioraid. Tha Montròs is Alasdair MacColla, Morair Hunndaigh is iomadh fear eile, a' tuiteam timcheall air mar dhuilleagan à coille uamharra. Tha a' Phàrlamaid 's na Caimbeulaich a' toirt buaidh air saoghal nan tàileasg 's nan clàrsach, orgain Lìte is fìon na Spàinn; ach, a dh'aindeoin sin, tha e cinnteach gu bheil latha eile a' tighinn."

Tha beachd eile air Iain Lom, an duine, ri fhaighinn anns a' mharbhrann a rinneadh dha le Aonghas Dòmhnallach:

Thàinig ceann teirm air m' fhear-cinnidh
'S e air eug ann an Cnoc Aingeal;
Toiseach gach teud, rìgh gach filidh,
Gu dèanadh Mac Dè maith air t-anam.

Gun tugadh Crìosd maitheanas duit –
Bha thu leanailteach air olc,
Gaol an leòghainn, fuath an Tuirc –
Anns an uaigh am bheil thu 'd chorp.

Tha Iain Lom air a thìodhlacadh an Cill Choiril, air Dùn Aingeal, ann am Bràigh Loch Abar. Air a charragh-cuimhne tha sgrìobhte:

An seo 'n Dun Aingeal am Bràigh Loch Abar
Tha Bàrd na Ceapaich gu trom na chadal,
'S e Iain Lom MacDhòmhnaill b' ainm dha:
Iain Lom, ach theireadh cuid Iain Manntach.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.