Rinneadh Soraidh Bhuam on an Eilean le Iain MacDhòmhnaill do nàbaidh dha, Tormod MacLeòid, a bh' air a dhol a-null a dh'Astràilia.
Bha Iain, no Seonaidh Dhòmhnaill mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e, na chroitear aig 7 Pàirc, Bhatairnis agus rugadh e ann a 1867. Thug e greis mhath ag obair ann am Port na Banrighinn a Deas nuair a bhathar a' togail an drochaid rèile thairis air Caolas Fhoirbhe / Linne Giùdain anns na 1880an.
Phòs e Seònaid Cheanadach a bha a' fuireach aig 4 Hallastra, Bhatairnis air 5 Giblean, 1914. Bha ceathrar a theaghlach aca – Magaidh, Leacsaidh, Dolina agus Ailig.
B' e duine air leth coibhneil a bh' ann agus cuideachail do dhaoine eile, chun na h-ìre agus gur e an còmhnaidh an duine mu dheireadh a bhiodh deiseil de dh'obair an arbhar (agus a h-uile obair eile) as t-fhoghar. Anns a' bhaile, nuair a bhiodh daoine fadalach le obair na talmhainn, chanadh na nàbaidhean gur e foghar Sheonaidh Dhòmhnaill a bh' aca. Chaochail Seonaidh anns na 1930an.
Rinn e òrain eile ach chan eil lorg orra an-diugh.
B' e an Tormod MacLeòid don deach an t-òran Soraidh Bhuam on an Eilean a dhèanamh, Tormod 'an Mhòir, a bha na nàbaidh aig 6, A' Phàirc. Rugadh e ann a 1871. 'S e grìobh no seòrsa de bhàillidh aig an uachdaran ann an Ùnais a bha na athair. Nuair a bhàsaich athair fhuair a mhàthar a' lot aig àireamh 6, agus thàinig i fhèin agus Tormod ann.
B' ann às dèidh a' Chiad Chogaidh agus às dèidh dha mhàthair bàsachadh a chaidh e null a dh'Astràilia. Cha robh e pòsta.
Tha e coltach gu robh Tormod còrr is 30 bliadhna an Astràilia agus gu robh e an dùil cuairt a thoirt air ais dhan eilean. Gu mì-shealbhach chaochail e cola-deug ro àm seòlaidh.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.