Iain MacCodrum

A rèir an t-Urr. Uilleam MacMhathain thòisich Iain MacCodrum air Òran na h-Aoise a dhèanamh "'s e na sheasamh air an tobhtaidh, a' cur mullach air taigh an t-Hòghsta, air dha seann duine fhaicinn a bha beatadh gu h-èiginneach an aghaidh na gaoithe, le bata na làimh, 's e fairtleachadh air àite fhaighinn san rachadh aige air a dhol tarsainn air Abhainn nan Riaghan."

Rugadh Iain MacCodrum, no Iain mac Fhearchair, mu dheireadh na seachdamh linn deug ann an Àrd na Runnair air taobh siar Uibhist a Tuath. Bha taigh athair air iomall seann chladh air an robh Cladh Chomhghain.

An Cladh Chomhghain mise rugadh
'N Àrd an Runnair fhuair mi togail
Fradharc a' chuain uaibhrich, chuislich,
Nan stuagh guanach, cluaineach, cluiceach.

Cha d' fhuair e sgoil riamh ach bha ionnsachadh de sheòrsa eile aige, mar a mhìnich Uilleam MacMhathain anns an leabhar a sgrìobh e mun bhàrd:

"Ged nach robh na sgoiltean ro phailt an uair ud chan fhaodar a bhith a' smaoineachadh gu robh an sluagh gun fhoghlam. B' e an taigh-cèilidh an sgoil a bha aca-san – sgoil a bha glè fhreagarrach air an suidheachadh cuideachd. Cha robh baile anns nach robh cuideigin a bha comharraichte mar sheanchaidh, agus, nuair a thigeadh na h-oidhcheannan fada geamhraidh, bhatar a' cruinneachadh dhan taigh aige ga èisteachd fhèin agus sgeulaichean sam bith eile a dh'fhaodadh a bhith an làthair.

Is mòr an àireamh de dhuain 's de dh'òrain 's de sgeulachdan 's de dh'fhianntachd de gach seòrsa a bhiodh air aithris 's air ath-aithris mum biodh an geamhradh seachad."

Agus sgrìobh e mu Iain:

"Bha e fritheilteach air an taigh-cèilidh bho òige, agus rud sam bith a chluinneadh e, 's dòcha nach rachadh e às a' chuimhne tuilleadh."

Bha e air a ràdh gur ann bho thaobh a mhàthair a thug MacCodrum a' bhàrdachd agus gun nochd a thàlant 's gun e ach na dheugaire.

Bha e pòsta, a rèir na th' aige fhèin ann an 'Òran nam Banntraichean', trì tursan, mu dheireadh aig tè Màiri NicDhonnchaidh, agus bha aon nighean aige.

Bha e a' fuireach ann an Cachaileith na Rèibhill, an t-Hogha Gearraidh, nuair a thàinig Mac-a-leòir, bàrd Sgitheanach, agus Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair a chèilidh air a' chiad turas. Chuir Mac Mhaighstir Alasdair dà òran leis anns an leabhar a dh'fhoillsich e an 1751.

Bha MacCodrum a' fuireach aig àm eile am Paibil, far na rinn e Smeòrach Chloinn Dòmhnaill.

Smeòrach mis' air ùrlar Phaibil
Crùbadh ann an dùsal cadail
Gun deòrachd a thèid nas fhaide
Truimeid mo bhròn, thòirleum m'aigne.

Ghluais e à Paibil gu ruige Langais uaireigin timcheall air 1758.

B' e Sir Seumas MacDhòmhnaill uachdaran Uibhist aig an àm seo agus bha e na chleachdadh aige a bhith tighinn a shealg dhan eilean gach foghar. Bha e ann as t-fhoghar 1763, agus sin nuair a thug e urram do MhacCodrum mar bhàrd.

Thug e dha an t-àite as an robh e a' fuireach saor gun mhàl, duais dà fhichead marg Albannach agus còig bollachan mine sa bhliadhna. Tha e coltach nuair a chuala am bàrd mu na còig bollachan mine gun d' thuirt e ris an uachdaran, "Gu neartaicheadh Dia sibhse, Thighearna. 'S math an t-aran, ach b' fheàirrd e an t-annlan!" Chaidh còig clachan càise a thoirt dha, a bharrachd air a' mhin.

Bha e ainmeil airson a dheas-bhriathrachas; bha a fhreagairt daonnan faisg dha agus tha iomadh naidheachd ann mun sin. Mar eisimpleir, aon latha thachair e ri seann dhuine air an robh e eòlach nuair a bha e òg, duine a bha aithnichte mar gheòcaire. Dh'fhaighnich am bàrd dha ciamar a bha e. Nuair a thuirt an duine ris gu robh e air a stamag a chall, arsa MacCodrum, "Ma tà, is math leam nach mi fhuair i!"

Fhuair Sir Seumas, agus Sir Alasdair a thàinig às a dhèidh, am pàigheadh airson taic a chumail ri MacCodrum fad a bheatha le òrain a' moladh nan Dòmhnallach, an uaislean agus iad fhèin:

Aghaidh Shir Seumas
Aghaidh na fèile,
Tagha gach speuclair,
Thug an lèirsinn na b'fheàrr dhomh.

Aghaidh na staidealachd
Aghaidh na sgairtealachd
Aghaidh na maisealachd
Tlachd agus àilleachd;
Aghaidh na fearalachd
Aghaidh an smearalachd
Aghaidh as glaine
Bheir sealladh an sgàthan.

Chunnaic am bàrd atharrachadh mòr a' tighinn air Uibhist agus air a' Ghàidhealtachd na latha. Chaill na Seumasaich ann an 1746 agus bha a thoradh fhèin aig a' sin. Chaochail Sir Seumas ann an 1766 agus cha robh Sir Alasdair, a bhràthair, cho Gàidhealach na dhòighean. Dh'fhalbh àireamh mhath de dhaoine à Uibhist a Tuath ann an 1773, 's chaidh iad do Charoilìona an Ameireaga.

Ann an 1769, roinn Sir Alasdair Eubhal agus, am measg na fhuair fearann ann, bha MacCodrum. Bha e a' fuireach aig Àirigh a' Phuill air taobh a tuath Loch a' Gheadais airson deich bliadhna.

Chaochail Iain mac Fhearchair air 14 Giblean, 1779, agus dh'innis Uilleam MacMhathain mar a thachair:

"An uair a chuala Dòmhnall Beag Bhaile Raghnaill gun do dh'eug am bàrd, thug e tairgse, nam faigheadh e an stoc aige – bò is àgh is beagan chaorach – gun gabhadh e os làimh cosgais an tìodhlacaidh, agus is ann mar sin a bha.

Thàinig a' chosgais gu £4 19t 7sg – 4 tasdan airson lìon-aodach na marbhphaisg; 4 tasdan agus sia sgillinn airson clach càise; 4 notaichean, aon tasdan deug agus sgillinn airson na dighe. 'S ann bho Aonghas MacDhòmhnaill aig an robh taigh-seinnse Amsterdam, an t-Hàstan, a fhuaireadh gach nì dhiubh sin. Fhuair esan an lìon-aodach bho Raghnaild nighean Eòghainn sa Bhaile Mhòr."

Tha Iain MacCodrum air a thiodhlacadh an Cille Mhoire agus chaidh clach-chuimhne a chuir air an uaigh aige an 1894.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.