Iain MacCalum

Iain MacCalum

Rugadh Iain MacCalum am Baile Deòraidh, ann an Sgìre Mhuc-carna, ann an 1851. Bha e de shliochd Chloinn MhicCaluim Ghlinn Èite, agus bha a mhàthair de mhuinntir Chloinn MhicLullaich Loch Obha.

B' e Taigh nam Bàrr tric a chante ris, mar a mhìnich Niall MacIlleSheathanaich ann am prògram Gàidhlig a rinn e mu MhacCalum don BhBC air 05/11/1959:

"Is comharra fìor shònraichte air neach sam bith a bhios air ainmeachadh air àite còmhnaidh, mar roghainn air ainm baistidh. Tha sin a' dearbhadh gu robh buadhan inntinn thar a' chumantas aige agus, cuide ri sin, uaisle agus ceanaltas. Is ann mar sin a bha ar caraid nach maireann. An uair a bhios sinn aig coinneamhan ag iomradh air bàird is luchd-ciùil is e Taigh nam Bàrr a their sinn ri ar caraid, agus is leòir sin. Bha e, mar an ceudna, aithnichte mar Bhàrd Taobh Loch Èite."

Nuair a bha MacCalum òg bha an Fhùirneis Iarainn a' dol ann an Taigh an Uillt agus thug Niall MacIlleSheathanaich dealbh dhen àite anns an aon phrògram:

"Bhiodh ceathach dhùinte ag èirigh do na speuran rè an là, agus air an oidhche lasair theine a' sgaoileadh 's a' deàrrsadh gu ruige Cruachan. Bha mòran mhnathan, às na h-Eileanan is à sgìrean Gaidhealach, a' tighinn gu Taigh an Uillt is a' faighinn cosnaidh a' rùsgadh chraobhan daraich, is a' dèanamh sguabagan beithe, gu feum na Fùirneis."

Dh'ionnsaich MacCalum òg mòran fhuinn bho na boireannaich seo agus chuir e iad gu feum na b' fhaide air adhart na bheatha. Dh'ionnsaich e cuideachd as an sgoil:

"Bha Iain MacCalum fortanach an làithean òige e a bhith fo chùram is fo stiùireadh oideachan-foghlaim a bha fo mhòr mheas, mar a bha Dùghall MacIlleRiabhaich an Taigh an Uillt agus Dòmhnall Caimbeul san Rubha Gharbh am Bàrr a' Challtainn. Bha an Caimbeulach cho àrd am foghlam, is gun deach cuid de dh'oileanaich ceum dìreach bhon Rubha Gharbh gu ruige an oilthigh."

Bha a' chiad chosnadh aig Iain anns an Òban, ach aig aois 24 chaidh e a Ghlaschu agus, mar iomadh Gàidheal roimhe is às a dhèidh, dhan na poilis.

Ràinig Iain MacCalum àrd-inbhe as na poilis ach, an dèidh 26 bliadhna, bhris a shlàinte. Leig e dheth a dhreuchd agus thill e a dh'Earra-Ghàidheal.

Ann an Glaschu bha e fad bhliadhnaichean na bhall de Cheòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu. Bha e na Cheann-suidhe air a' chòisir agus na fhear-teagaisg Gàidhlig do na buill. Chionns gum b' urrainn dha ceòl a sgrìobhadh agus a leughadh anns an dà rian, bha e na thaic mhòr do Thormod Dòmhnallach a bha, aig an àm, a' stiùireadh na còisir.

Bha e cuideachd na Cheann-suidhe air Comann Latharnach Ghlaschu agus na Iar Cheann-suidhe air Cèilidh Àrd-sgoil Ghlaschu.

A bharrachd air a bhith soirbheachail aig Mòdan còmhla ris a' chòisir, bha MacCalum soirbheachail ann am farpaisean eile air a cheann fhèin:

"Choisinn e duaisean aig a' Mhòd le co-chruinneachaidhean òrain le fuinn nach robh riamh roimhe an clò. Bha anns na co-chruinneachaidhean seo cuid de na h-òrain a chuala e na bhalach, cho math ris na dhioghlum e bho shean òranaichean eile. Foghnaidh e aon de na h-òrain sin ainmeachadh; òran a thugadh am follais aig a' Mhòd Nàiseanta agus a tha nis caithreamach aig cèilidhean is cuirmean-ciùil, Bidh Fonn Oirre Daonnan, 'S Bidh Aoibh Oirre An-còmhnaidh.

B' e ùghdar an òrain seo Seumas MacIlleSheathanaich; a mhuinntir an aon àite ri Taigh nam Bàrr e fhèin agus ris an abradh iad Bàrd Loch nan Eala."

Aig Mòd 1905, ann an Inbhir Pheofharain, choisinn MacCalum a' chiad duais airson bàrdachd ri fonn ceòl pìoba, le Cath Gairidheach, a chuir e ris an fhonn 'Meàrrsadh Dhòmhnaill Bhallaich'.

Aig a' Mhòd a' bhliadhna ron sin, an Grianaig, choisinn e a' chiad duais leis an òran 'Croitearan Thròndairnis' a chuir e ri fonn air an robh 'Gillean Phort Rìgh':

Gur a fada bhon bu chòir dhomh luinneag chuir air seòl
Do na seòid chruaidh ghramail, fhearail, chliùiteach,
A tha chòmhnaidh mar a b' àbhaist an Tròndairnis 's a' Bhràighe,
Na fir dhàna chuir urram air ar dùthaich;

Chaidh an smùid-shoithich Loch Iall air an turas ud an iar
Gu ruig crìoch Eilean Sgitheanach nan stùcan,
'S bha i luchdaichte gun dìth le maraichean 's maoir-sìth
Dol a dhìth-eachadh earrasachd nan diùlnach.

Guma sona cor nan Gàidheal a tha fuireach as a' Bhràigh
Siud na gillean nach robh drionganach no mùigeach;
Nuair bha Uabharaith an t-seilg a' toirt oidhirp leis a' cheilg
Air gach seilbh o na croitearan a spùinneadh.

B' e MacCalum a sgrìobh na facail agus am fonn aig Ceòl nan Cruinneag agus rinn e grunn òrain a' moladh a sgìre fhèin, 'Bràighe Mhuc-carna', 'Fàilte Bhun-Atha', agus 'Fàilte Lathurna' nam measg.

Ach a dh'aindeoin a chomasan mar bhàrd, b' ann air sgàth nam fonn a chruthaich e a bha e gu h-àraidh aithnichte na latha. B' e a chuir am fonn ri Ri Guaillibh a Chèile, le Donnchadh Mac Ille Ruaidh, agus anns an dà leabhar a dh'fhoillsich Calum MacLeòid fon ainm odern Gaelic Bards, tha 25 de fhuinn ùra annta le MacCalum, a bharrachd air còig fuinn a dh'ath-leasaich e.

Chuir e fuinn ri facail a sgrìobh bàird leithid Iain Caimbeul (Bàrd na Leideig), Dòmhnall MacEacharna (Bàrd Dhiùraidh), Màiri NicEalair, An Lighiche Iain MacLachlainn à Rathuaidh, Niall MacLeòid an Eilein Sgitheanaich, agus Calum Caimbeul MacPhàil.

Mar a dh'innis Niall MacIlleSheathanaich:

"Bha Taigh nam Bàrr na bhall dìleas den Chomunn Ghàidhealach agus bha e cho deas a thoirt cuideachaidh do a aobhar is a bha e gu cuideachadh leis gach deagh aobhar eile. Cha do dhiùlt e riamh a thàlantan ciùil a riarachadh ri aon air bith aig an robh feum orra."

Ann an Taigh nam Bàrr, fhuair Iain MacCalum a shlàinte air ais agus cha b' fhada gu robh e trang a-rithist. Bha e na eildeir agus na fhear-togail-fuinn anns an Eaglais Shaoir Aonaichte far an robh a charaid, an t-Urramach Calum Mac an Rothaich, na mhinisteir. Chuir e còisir Ghàidhlig air bonn san sgìre agus bha e na bhall de Bhòrd Sgoile Ghlinn Urachaidh agus Innis-Sheilich.

Rinn e obair mhòr airson An Laoidheadair a dheasachadh airson clò, a' saothrachadh còmhla ri Mac an Rothaich agus an t-Ollamh Raibeart MacLeòid airson fuinn ùra a chruthachadh far an robh feum agus ag ath-leasachadh fuinn eile.

Chaochail Iain MacCalum aig aois 75, agus, mar a thuirt Niall MacIlleSheathanaich:

"Dh'fhàg e eisimpleir ionmholta às a dhèidh, agus bu mhath leam na pàrantan a tha gam èisteachd aire shònraichte a thoirt dhi. Bha nighean aige agus b' i a' Ghàidhlig a chleachd iad rithe. Chaidh i na h-àm don oilthigh an Glaschu. Ghabh i Gàidhilig mar aon de na cuspairean, ged nach deach a' chànain sin a theagasg dhi anns an sgoil, agus thog i àrd-dhuaisean san dà bhuidheann Cheilteach. Phòs i agus tha nighean aice. Ghabh ise Gàidhhlig an Àrd-Sgoil an Òbain agus chaidh i à sin gu ruige Oilthigh Dhùn Èideann. Lean i ris a' Ghàidhlig an sin agus thog ise cuideachd na duaisean anns an dà bhuidheann Cheilteach."

B' e an dà nighean seo, Màiri, màthair a' Bhrigadier Iain MacPhàrlain, an Taigh an Uillt, agus Anna, a phiuthar. Tha sinn gu mòr na chomain airson an cuideachadh a thug e dhuinn leis an fhiosrachadh seo.

Cath Gairidheach

Chuireadh Cath Gairidheach air 24 Iuchar, 1411.

Aig an àm bha Rìgh Seumas I, na phrìosanach ann an Sasainn, agus bha Diùc na h-Albann, bràthair athar an rìgh, a' riaghladh na dùthcha.

Aig tuath, bha cumhachd mhòr aig Iarla Rois agus bha fearann aige chan ann a-mhàin ann an Ros ach air taobh thall Abhainn Spè agus anns a' Mhaorainn. Phòs e nighean Diùc na h-Albann, agus bha aon nighean aca. Beagan bhliadhnaichean an dèidh dha h-athair bàsachadh ann an 1402, leig i às a còir air an oighreachd agus chaidh i gu bhith na bean-chràbhaidh.

An dèidh seo, dh'agair mac do Dhiùc na h-Albann, Eòin Stiùbhart, còir air an tiotal agus air an oighreachd, le taic bhon Diùc. Cha robh aig Iarla Rois ach aon phiuthar, a bha pòsta aig MacDhòmhnaill nan Eilean, Dòmhnall mac Eòin Ìle. Dh'agair esan a chòir fhèin air Iarlachd Rois, an ainm a mhnatha ach ged a bha a' chòir aige, dhiùlt an Diùc e, agus thòisich am buaireadh.

Thug feachd an Dòmhnallaich le feachd nan Eilean ionnsaigh air Ros. Chaidh iad an uair sin gu Inbhir Nis, agus à sin thairis air Abhainn Spè a' dèanamh taobh Obar Dheathain, agus na sgìrean sin a bha nam pàirt de Oighreachd Rois.

Chruinnich Diùc na h-Albann feachd bhon dùthaich mu thimcheall Obar Dheathain agus às a' Mhaorainn agus Farfar, le Alasdair Stiùbhart, Iarla Mhàirr, agus Eòin Stiùbhart, a mhac fhèin, air an ceann.

Choinnich an dà arm anns a' Ghairbheach, faisg air Inbhir Uraidh, mu 18 à Obar Dheathain, agus chuireadh cath marbhtach.

A rèir an eachdraidh, chaidh an cath leis an Dòmhnallach, ach às a dhèidh thill e dhachaigh an àite dhol a dhèanamh cinnteach às an fhearann.

Cha d' fhuair e còir air Iarlachd Rois bhon rìgh ri mhaireann, ach fhuair a mhac, Alasdair, còir oirre, a' chiad duine aig an robh an tiotal Iarla Rois agus Morair nan Eilean.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.