Iain MacAoidh

Tha ceithir dàin spioradail le Iain MacAoidh rin lorg anns an leabhar Metrical Reliques of "The Men" in the Highlands, Or, Sacred Poetry of the North, laoidhean agus dàin spioradail a chruinnich Iain Rose agus a chaidh fhoillseachadh an Inbhir Nis sa bhliadhna 1851. A bharrachd air An Teàrnadh Miorbhaileach, tha 'Cairdeas na Trionaid', 'Adhamh agus Eubha' agus 'Ceannach na h-Ailghios' ann.

Tha Iain Rose ag innse gun do rugadh MacAoidh ann am Mùdal, an Cataibh, uaireigin mun bhliadhna 1690. Chante Iain mac Iain mhic Raibeart mhic Mhurchaidh ris.

A rèir aithris Rose, chaidh An Teàrnadh Miorbhaileach a dhèanamh le MacAoidh air oidhche bhrèagha gealaich, aig àm buana, 's e san achadh a-muigh, na laighe air a dhruim a' coimhead suas dhan adhar, a' beachdachadh air na reultan.

Tha e coltach gun d' thug na dàin aig MacAoidh buaidh air Dùghall Bochanan. An deidh bliadhna Theàrlaich, ann an 1746, bha saighdearan à Mailisi Chataibh suidhichte an Dùn Chailleann. Chaidh dusan dhiubh a chuir a dh'ionnsaigh Raithneach is chaidh iadsan a dh'èisteachd ri Dùghall Bochanan a' teagasg. Bha dithis aca, Anndra agus Alasdair Ros, a dh'fhàs dlùth an càirdeas ri Bochanan agus bhiodh iad ag aithris dàin MhicAoidh dha.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.