Iain MacCumhais

Rugadh Iain MacCumhais, Seonaidh Dhòmhnaill 'icCumhais, ann an Leac an Lì ann am Bàigh na Hearadh, air 4 Dùbhlachd, 1894. B' i Màiri Anna Mhoireasdan, à Stocainis, a mhàthair agus bha seachd bràithrean agus aon phiuthar aige.

Chaidh e do Sgoil Chaolas Stocainis agus an dèidh na sgoile fhàgail bha e airson beagan bhliadhnaichean ag obair air an rèile ann an Glaschu agus an sgìre mu thimcheall a' bhaile.

Tron Chogadh Mhòr bha e anns a' Chabhlachd Mharsanta air bàtaichean leithid an Gorsemore, Ethelhilda agus an Kendal Castle. An deidh a' chogaidh, bhon Mhàrt, 1919, chun Chèitean, 1920, bha e air an t-Shuna agus an Glenamoy agus 's ann an uair sin a rinn e an t-òran Chì Mi 'n Tìr. Tha an t-Shuna air a h-ainmeachadh ann an tè de na ceathramhan.

Phòs e Catrìona NicFhionghain, Cèiteag a' Phost, à Caolas Stocainis, ann an 1922. Bha sianar chloinne aca, dithis nighean, Màiri Anna bu shine agus Màiri, a tha a' fuireach ann an Canaich.

Bha ceathrar mhac aca, Raghnall a b' òige, a chaochail aig aois deich bliadhna, Dòmhnall Beag is Dòmhnall Mòr, agus Fionnlagh. Bha Fionnlagh a' togail eathraichean ann an Inbhir Nis airson seachd bliadhna fichead, gus an do leig a dheth a dhreuchd ann an 1995. Tha e fhathast a' fuireach sa bhaile.

An dèidh pòsadh ghluais iad dhan a' Cheannamhòr, aig beul Loch Thoirbheartan, mu ochd mìle an iar-thuath air Sìldeig, air taobh siar Rois. Sin far na rugadh agus na thogadh an teaghlach. Cha robh Seonaidh air ais anns na Hearadh ach aon uair an dèidh dha an t-eilean fhàgail.

Bha e a' deanamh a bhith-beò à croitearachd agus ag iasgach anns a' Cheannamhòr. Bha e na eildear anns an Eaglais Shaor Chlèireach ann an Sìldeig.

Bha dà òran Hearach eile ann air an aon fhonn ri Chì Mi 'n Tìr. Cha robh an ceathramh:

Chì mi Mànais is Ceann an t-Sàile
Caolas Bheàrnaraigh is tràighean Phabaigh.

idir ann an òran Sheonaidh MhicCumhais, ach rinn Coinnich Mac Phàdraig, Coinneach Dhòmhnaill 'ic Thormoid, à Srannda, a bha air an Taigh Sholais ann an Scalpaigh, òran anns an robh an ceathramh:

Chì mi Mànais is Ceann an t-Sàile
Tro Chaolas Sgàire gu tràigh gheal Phabhaigh.

Rinn Niall MacDhòmhnaill, am Bàrd, à Losgaintir, òran eile air an aon fhonn mu raiders a' Mhachaire as an Hearadh agus am measg nan ceathramhan bha:

Chi mi tìr san robh mi nam bhalach
Ghealladh dhuinn e 's cha bhith sinn falamh.

Pàirc na Mònadh far robh mi eòlach
Nuair bha mo òg ann 's gun bhròg mu m' chasan.

Ceann na Tràghad, far 'n d' fhuair mi m' àrach
Chan eil nas àille 's muir làn a-steach air.

Chaochail Seonaidh Dhòmhnaill 'icCumhais air 13 Iuchar, 1975, aig aois ceithir fichead. Tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh na Comraich.

Tha sinn an comain Dhòmhnaill Dhòmhnallaich à Horgabost, Na Hearadh, agus Fhionnlaigh MhicCumhais, an Inbhir Nis, mac a' bhàird, airson an fhiosrachaidh seo.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.