Rugadh Iain MacAonghais, Iain Pheadar, ann an 1907 air Taobh a Deas Loch Baghasdal an Uibhist a Deas, coimhearsnachd a bha air leth beartach a thaobh cainnt is dualchas. Bha còig duine deug as an teaghlach, naoinear ghillean agus sianar nighean. An dèidh a dhol gu sgoiltean Ghearraidh na Mònadh agus Dhalabroig, chaidh e gu Acadamaidh Naomh Mungo an Glaschu agus an uair sin dhan oilthigh as an aon bhaile.
Thill e dhachaigh a dh'Uibhist a dh'iasgach còmhla ri athair. Fhuair e an uair sin obair mar Iar Chlèireach na Sgìre, ag obair còmhla ris an fhear a bhiodh na athair-cèile dha.
Phòs e Màiri Nic a' Mhaoilein, agus bha iad còmhla airson 47 bliadhna.
Thug an obair seo dha cothrom siubhal air feadh an eilein agus eòlas a chuir air iomadh duine. Cha b' fhada gus na thuig e cho luachmhor 's a bha an t-eòlas a bha aig na daoine agus chuir e roimhe na b' urrainn dha a chruinneachadh 's a chumail air chuimhne. Mar eisimpleir, tha sinn gu mòr na chomain airson òrain Sheonaidh Chaimbeul a sgrìobhadh sìos.
Bha e anabarrach fialaidh leis an eòlas a bha aige 's cha bu bheag an t-eòlas sin air òrain, eachdraidh, cleachdaidhean is dòigh-beatha, fiosrachadh mu dhaoine, mu thachartasan, mu ainmean àite. Bha fèill air mar sheinneadair agus mar fhear an taighe aig cèilidhean is cuirmean air feadh Uibhist. Bha e làn spòrs is dhibhearsain.
B' e duine tuigseach, carthannach a bh' ann a chunnaic bochdainn mhòr am measg a dhaoine fhèin agus a rinn a dhìcheall gus sin a leasachadh.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.