
Rugadh Iain Mac a' Ghobhainn, Iain Beag Pàdraig Smith, anns an Leth Mheadhanaich, Uibhist a Deas, air 5 Gearran, 1923.
Chaidh e do Bhun-sgoil Ghearraidh na Mònadh agus an dèidh sin do Sgoil Dhalabroig agus Àrd-sgoil Lochabair. Bha e ann am Feachd an Adhair an uair a thòisich an cogadh, 's gun e ach na ghille òg. Chuir e pàirt dhen chogadh seachad ann am Burma agus anns na Dutch East Indies.
Phòs e fhèin agus Ciorstaidh Dhòmhnaill 'icNìll, às an aon bhaile ris fhèin, air 20 Iuchar, 1960. Bha dithis ghillean aca - Iain Antony, a bha aig aon àm ag obair mar fhear-naidheachd aig Telebhisean Ghrampian ach a tha a-nise a' fuireach air ais ann an Uibhist, agus Dòmhnall Ailean, a tha ag obair aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn ann an Loch Baghasdail. Chaochail Ciorstaidh anns an Fhaoilleach, 2007.
An dèidh a' chogaidh agus anns na leth-cheudan, chuir Iain seachad bliadhnaichean ag obair aig factaraidh na feumad ann an Orasaigh. Bha Oifis Puist aige anns a' Leth Mheadhanaich agus bhiodh e a' cuideachadh leis an sin bho àm gu àm. Bha Iain còrr air deich bliadhna fichead aig a' Hydro anns na stèiseanan cumhachd an Dalabrog agus a' Loch a' Chàrnain suas chun an àm a sguir e a chosnadh.
Cha bhiodh Iain cho tric a' seinn mu choinneamh sluaigh, ach bhiodh e a' seinn aig cèilidhean ann an Uibhist a Deas bho àm gu àm agus gu tric aig bainnsean anns an sgìre.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.