Iain Mac a' Ghobhainn ('an Gobha)

Chaidh Fiullaigean a dhèanamh mu 1875 le Iain Mac a' Ghobhainn, 'an Gobha, à Iarsiadair ann an Leòdhas. Rinn e an t-òran dha phiuthar-cèile, Mòr NicChoinnich, Mòr an Tàilleir à Crothair ann am Beàrnaraigh, nuair a bha Mòr a' dol a phòsadh Fiullaigean, Fionnlagh MacLeòid à Àrnoil air taobh siar Leòdhais.

Bha e na chleachdadh aig muinntir bhailtean eile Leòdhais a bhith a' dèanamh spòrs à muinntir Àrnoil agus b' ann airson spòrs a chaidh an t-òran a dhèanamh, cha b' ann chionns gu robh càil ceàrr air Fionnlagh.

An dèidh do Mhòr agus do Fhionnlagh pòsadh chaidh iad a dh'fhuireach air taobh siar an eilein. Thill iad a dh'fhuireach an Crothair airson greis mus deach iad a dh'Àrnoil, ma dh'fhaodte chionns gun deach na daoine fhuadach à Crothair mun àm seo.

Tha sinn an comain Aonghais Dhòmhnallaich à Beàrnaraigh airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.