Rugadh Iain Dòmhnallach, Seonaidh Mòr, ann am Muile sa bhliadhna 1883, ogha don bhàrd Lachann Mac an Lèigh (Lachann Dubh a' Chrògain). Ghluais an teaghlach, an toiseach don Òban, agus, nuair a bha Seonaidh mu naoi bliadhna a dh'aois, gu croit ann am Port Ramasa an Lios Mòr. Bha athair Sheonaidh na shaor agus na sheòladair a rinn dà thuras air a' bhàta ainmeil, an Cutty Sark.
Ged a chaidh a thogail as an Òban agus ann an Lios Mòr, bhiodh Seonaidh tric a' tilleadh a Mhuile a dh'fhuireach còmhla ri a sheanair agus a sheanmhair.
Nuair a dh'fhàg e sgoil a' Bhaile Gharbh, chaidh e an ceann a chosnaidh gu obair fearainn as an Apainn ach, an ceann bliadhna no dhà, chaidh e gu muir, a' seòladh gu Sealan Nuadh, aig aois 18, air bàta-siùil a chaidh as an rathad air an t-slighe. Rinn e mòran thursan gu Sealan Nuadh, far an robh bràthair athar air a dhachaigh a dhèanamh.
Nuair a phòs e Amelia NicPhàidein à Lios Mòr, rinn iad an dachaigh an Glaschu. Bha triùir chloinne aca, aon mhac agus dithis nighean.
Fhad 's a bha e sa Chabhlaich Rìoghail aig àm a' Chiad Chogaidh, chaidh Seonaidh a leòn as na Dardanelles. An dèidh a' chogaidh, agus an dèidh strì, fhuair e obair air Cluaidh.
B' e seinneadair math a bha ann dheth, agus bhiodh e tric a' cosnadh dhuaisean aig Mòdan, gu h-àraidh airson puirt. Bha e cuideachd a' seinn ann an Còisir Eaglais Chaluim Chille.
Chaochail Seonaidh Mòr ann an 1940.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.