
Rugadh Iain Caimbeul (Mac Dhòmhnaill Ruaidh Dhòmhnaill 'ic Chatrìona à Fròbost) ann an Cille Bhrìghde an Uibhist a Deas, air an latha ron Nollaig, 1923. B' e an dàrna duine bu shine do theaghlach as an robh ochdnar.
Nuair a bha e aona mìos deug ghluais an teaghlach a Ghlaschu oir cha robh mòran obair an Uibhist dha athair agus thill e gu muir. Bha an teaghlach a' fuireach ann an Kinning Park air taobh a deas a' bhaile agus tha deagh chuimhne aig Iain air na ciad bhliadhnaichean den Dàrna Cogadh nuair a dh'fheumadh iad a dhol ri fasgadh anns na shelters.
Tha cuimhne aige bhith falbh dhan sgoil san dorchadas aig 08:30 sa mhadainn gu 12:00. An uair sin bhiodh a bhràthair a' dol innte aig 12:00 gu 14:00, agus a phiuthar bu shine bho 14:00 gu 17:00. Cha robh togalaichean gu leòr san sgoil airson a h-uile duine, 's le sin dh'fheumte an latha a bhriseadh suas. Nuair a chaidh iad gu bun-sgoil Our Lady and St Margaret's cha robh facal Beurla aca agus b' ann san sgoil a dh'ionnsaich iad Beurla.
Thill iad air ais a dh'Uibhist air 17 Màrt, 1941, a dh'fhuireach a dh'Ormacleit an turus seo. Chaidh Iain is dithis eile as an teaghlach do sgoil Loch Aoineart, as nach robh ach seachdnar aig an àm. Abair gun do rinn an tidsear toileachas agus àireamh nan sgoilearan a' dol suas gu deich.
Chaidh iad dhan àrd-sgoil ann an Dalabrog agus às an sin gu Sgoil a' Ghearastain. Chaidh Iain an uair sin a dh'Oilthigh Ghlaschu agus mu dheireadh gu Colaiste Chnoc Iòrdain far an do rinn e trèanadh airson teagasg.
Fhuair e a' chiad obair, a' teagasg Gàidhlig, ann an Àrd-sgoil Woodside ann an Glaschu. Cha robh ach dà sgoil ann an Glaschu a' tairgsinn Gàidhlig aig an àm, Woodside agus Àrd-sgoil Bhellahouston. Thòisich Àrd Sgoil Phenilee às dèidh sin.
Bha Iain seachd bliadhna ann an Glaschu mus do thill e a dh'Uibhist ann an 1966, mar cheannard air Sgoil Thobha Mòr. An ceann bliadhna chaidh e na cheannard air Sgoil Bhàgh a' Chaisteil am Barraigh, far an robh e air a bhith suas ri 27 bliadhna nuair a leig e dheth a dhreuchd ann an 1993.
Phòs e a bhean Cathaidh NicNeacail, Cathaidh Andy à Glaschu aig an robh buntanas làidir ri Barraigh, air an latha às dèidh na Nollaig, 1960.
Bha sianar a theaghlach aca. Tha Iain, Catrìona agus Shona san Eilean Sgitheanach; tha Morag ann an Lunnainn; tha Anndra ann an Dùn Èideann agus Cailean ann an Swindon. Bhàsaich a bhean Cathy san t-Sultain, 1981, 's gun i ach dà fhichead sa còig. Cha robh an gille a b' òige dhan teaghlach ach aona bliadhna deug aig an àm.
Nuair a bha e na oileanach ann an Glaschu bhiodh Iain an còmhnaidh a' dol gu cèilidhean 's a' gabhail òrain. Tha deagh chuimhne aige a bhith dol gu cuirmean ann an Talla Naomh Anndrais, agus dha-san b' e seinneadairean leithid Flòraidh NicNèill agus Seonag NicChoinnich a bha air thoiseach air càch. Mar a thuirt e fhèin, "Thigeadh tu air astar a dh'èisteachd riutha." Tha e cuideachd measail air an t-seinn aig Iseabail NicAsgaill.
Nuair a thàinig e a Bharraigh bhiodh iad ag iarraidh air seinn aig cèilidhean agus bhiodh e tric na bhritheamh aig Mòdan. Bha seinn riamh an lùib nan daoine aig Iain.
B' àbhaist dha a bhith dèanamh mòran leughadh ach, an-diugh, tha e ag èisteachd ris an rèidio nas trice, BBC Radio nan Gàidheal agus Rèidio 4 gu h-àraidh, agus tha e a' dèanamh tòrr coiseachd.
Bidh e cuideachd ag eadar-theangachadh laoidhean. Thòisich e air seo a dhèanamh nuair a bha Mgr Calum MacIllFhialain na shagart air an sgìre agus bha aifreann gu bhith air a chlàradh airson telebhisean. Bhathar ag iarraidh eadar-theangachadh de na laoidhean a bha gu bhith san aifreann agus rinn Iain sin dhaibh. Ach le barrachd iarrtas air laoidhean Ghàidhlig thar nam bliadhnaichean, tha e air laoidhean Beurla eadar-theangachadh gu Gàidhlig, agus tha e cuideachd air eadar-theangaichean a dhèanamh airson aifreann na cloinne.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.