B' ann à Ceann a' Bhàigh an Uibhist a Tuath a bha Gilleasbaig MacDhòmhnaill no Eàirdsidh Dhòmhnaill 'ac Lachlainn, mar a dh'aithnichear e san eilean.
Rugadh e ann an 1874 agus ged a thug e a' mhòr-chuid dhe bheatha ag obair ann an Glaschu thill e air ais a Cheann a' Bhàigh nuair a leig e dheth a dhreuchd. Cha do phòs e riamh.
Tha fhios gum biodh e a' sgrìobhadh dàin spioradail agus 's e cuideachd a sgrìobh an t-òran ainmeil ris an canar am Beurla 'The Uist Tramping Song', a chaidh a chlàradh le seinneadairean ainmeil leithid Raibeart Wilson agus Coinneach Mackellar:
Sèist / Chorus
Thugainn leam, thugainn leam, o hi rì 's o ho rò,
Thugainn leam, thugainn leam, o hi rì 's o ho rò,
Thugainn leam-sa thar na mara null do dh'Uibhist bheag nam beannaibh,
'S gheibh sibh mil ann agus bainne, thugainn leam, thugainn leam.
Tha a' ghrian anns an àird dheas is blàth ghaoth bhon iar,
Tha an lochan cho còmhnard 's cho stòlda san fhèath,
Tha tuinn mhara crònan an òrain bho chian,
A' tairgse dhuinn sòlais 's a' tàladh gach miann.
Nuair a theirgeas an samhradh 's thig foghar an àigh
Bidh cruach air an achadh agus maorach san tràigh;
'S cha bhi sinn gun annlan gach ceann de na bhòrd
Fhad 's bhios breac anns an linne 's lacha riabhach air lòn.
'S a-nis, bhean mo ghràidh-sa, thoir dhòmhsa do làmh,
'S thèid sinn null don eilean far am faod sinn bhith tàmh,
Gun bhreislich, gun ghleadhraich, gun ùpraid, gun cheò,
'S bidh a' ghrian air an uinneig cumail tìm dhuinn air dòigh.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.