Gilleasbaig Dòmhnallach

B' e bràthair Sir Seumas Mòr Dòmhnallach, Triath Shlèite san Eilean Sgitheanach, a bh' ann an Gilleasbaig 'Ruadh' Dòmhnallach, am bàrd ris an cante An Ciaran Mabach. B' e Dòmhnall Gorm Òg athar.

Ann an 1654 fhuair e fearann ann am Borghraidh na Sgiotaig anns an Eilean Sgitheanach ach tha e coltach gu robh fearann aige cuideachd an Uibhist a Tuath. Sin far an robh e ann an 1665 nuair a bha e ag obair às leth a bhràthair ann a bhith dèanamh cinnteach gum biodh murtairean an dithis bhràithrean, Alasdair agus Raghnall na Ceapaich, air am peanasachadh.

Ann an strì airson ceannardas air Dòmhnallaich na Ceapaich chaidh na bràithrean am marbhadh san t-Sultain 1663.

Chaidh seachdnar an glacadh airson na h-eucoir seo agus chaidh an dì-cheannadh. Tha Tobar nan Ceann, far an deach na cinn aca a nighe mus deach an sealltainn do MhicDhòmhnaill Ghlinne Garadh, ri faicinn faisg air Inbhir Gharadh chun an latha an-diugh.

Chan eil mòran fios a bharrachd ri fhaighinn mun Chiaran Mhabach, agus cha mhotha a tha mòran dhen bhàrdachd aige air sgeul. Tha marbhrann ann do Shir Seumas Dòmhnallach Shlèite:

Fàth m' acain 's mo thùrsa
Nach dùisgear le teud thu
Na le torghan na fìdhle
Mo dhìobhail 's mo lèir-chreach;
Fhir a chumadh i dìonach
Dh'aindeoin sìontan gan eiread
Thu 'n-diugh fo leacan na h-ùrach
Gun mo dhùil ri thu èirigh.

Tha e air a ràdh gun d' rinn an Ciaran Mabach B' annsa Cadal air Fraoch turas is e an Dùn Èideann fo làmh dhotairean is e an dèidh a chas a sgochadh. Am measg nan àiteachean a tha air an ainmeachadh anns an t-òran tha àiteachan anns an Eilean Sgitheanach, ann a' Leòdhas agus ann an Uibhist a Tuath.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.