Freddie MacCoinnich

Freddie MacCoinnich

Rugadh Freddie MacCoinnich, Freddie Ciorstag Freddie, san t-Òb sna Hearadh ann an 1946. Bha a mhàthair, Ciorstag Freddie Dhòmhnaill Mhòir càirdeach don bhàrd ainmeil, Iain Gobha na Hearadh, agus bidh i fhèin a' sgrìobhadh òrain leithid 'Cianalas na Hearadh' a bhios Jenna Chuimeanach a' seinn.

Chaidh Freddie gu Sgoil an t-Òib agus, nuair a dh'fhàg e aig aois 15, chaidh e a dh'obair ann an taigh-òsta am baile beag Lus air bruaichean Loch Laomainn. Bha e na bheachd trèanadh a dhèanamh airson taighean-òsta a ruith ach, nuair a fhuair e a mach co ris a bha an obair coltach, leig e sin às a bheachd gu sgiobalta.

An dèidh greis ann an Lus, chaidh e a dh'Earra-Ghàidheal, gu baile beag Bun Odha, ri taobh Loch Eite. Thòisich e a' dràibheadh airson companaidh a bha stèidhichte am Bun Odha, J & A Gardiner, a' dol air feadh Alba le clach ghràin às a' chuaraidh.

'S ann à Drinisiadar a tha a bhean, Màiri, agus phòs iad nuair a bha Freddie dìreach bliadhna air fhichead. Tha triùir a theaghlach aca.

Ghluais an teaghlach dhan Òban bho chionn còrr is deich bliadhna fichead is tha iad an sin fhathast.

Bha Freddie a' seinn nuair a bha e na bhalach sgoile, aig consairtean Nollaig agus a leithid. Bha e an sàs ann am beagan dràma san sgoil cuideachd. Ach an dèidh dha Na Hearadh fhàgail sguir e a sheinn.

Bha e mu 28 nuair a thug Coinneach Caimbeul à Scalpaigh air tighinn a sheinn a Thaigh an Uillt. Bha deagh fhios aig Coinneach, a bha na lighiche sprèidh ann an Taigh an Uillt, gu robh seinn as na daoine aig Freddie agus gum b' àbhaist dha a bhith seinn nuair a bha e san sgoil.

Lean e air a' seinn an dèidh sin agus ann an 1981 choisinn e am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd Loch Abar.

Gu h-annasach cha bhi Freddie a' seinn òrain le mhàthair, oir tha e gam faighinn rudeigin cianail agus duilich. Ach tha e a' seinn aig cèilidhean fhathast agus tha e gu mòr an sàs ann an obair a' Chomuinn Ghàidhealaich. Bha e na Iar-Chathraiche air Mòd an Òbain an 2009. Tha e na Iar-Chathraiche air meur a' Chomuinn an Earra-Ghàidheal agus tha e an sàs aig ìre roinne cuideachd.

Canaidh e gur e na h-òrain as fheàrr leis a bhith seinn òrain cèilidh le sèist seach gu bheil iad a' toirt cothrom do dhaoine seinn còmhla ris.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.