Fiona Dunn

Fiona Dunn

Ghabh Fiona Dunn ùidh ann an ceòl Gàidhlig aig aois 10 bliadhna nuair a thòisich i a' seinn ann an Coisir Òg na h-Eaglaise Brice. Bhon uair sin, tha i air a bhith a' gabhail pàirt aig Mòdan ionadail is nàiseanta agus bhuannaich i an t-Aigeallan Airgid aig a' Mhòd Nàiseanta 2004, agus Bonn Òr Tim an Òbain ann an 2005.

Às dèidh dhi ceumnachadh à Oilthigh Srath Chluaidh ann an 2004, chaidh i gu Sabhal Mòr Ostaig far an do rinn i an Cùrsa Comais. On a dh'fhàg i Sabhal Mòr Ostaig tha Fiona air a bhith ag obair làn-ùine ann an Gàidhlig, gu sònraichte air taobh leasachadh na cànain.

An-diugh tha i na h-Oifigear Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu far a bheil dleastanas oirre ìomhaigh cànan agus cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh am measg coimhearsnachd na h-Oilthigh air fad.

Ann an 2008, bha i na preasentair air sreath de phrògraman ciùil airson clann aois ro-sgoile, Fiona is na Fuinn. Bha seo am measg aon de na ciad sreathan a chaidh a chraoladh air BBC ALBA nuair a thàinig e gu bith anns an t-Sultain 2008.

Bidh Fiona fhathast a' seinn aig Mòdan agus ceilidhean, gu h-àraidh mu chuairt Ghlaschu.

*Dealbh le taing do Colin Goldie

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.