Ann an òraid a thug Uilleam MacCoinnich do Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis air 29 Samhain, 1878, dh'innis e gur e Fearchair MacRath, Fearchair mac Iain Òig MhicRath à Ceann Tàile a rinn an t-òran Chan e Dìreadh a' Bhruthaich agus carson.
A rèir an t-seanchais, bha fear Dòmhnall MacRath na bhàillidh aig MacCoinnich ann an Ceann Tàile agus bha e dìoghrasach agus cruaidh a thaobh a bhith togail a' mhàil air an oighreachd.
Chaidh e latha gu taigh Fhearchair agus chionns nach robh airgead a' mhàil aig bean Fhearchair, Nighean Dhonnchaidh, thog e leis bò agus coire copar às an taigh.
Nuair a thill Fearchar an dèidh a bhith sealg, dh'innis a bhean dha mar thachair agus nach ann a thuirt i an uair sin nam biodh an duine aice duineil gu leòr nach gabhadh am bàillidh air a leithid a dhèanamh.
Bha Fearchar air drama no dha a ghabhail agus chuir seo an cuthach air.
Thog e an gunna agus a-mach leis air tòir a' bhàillidh. Rug e air is e a' grunnachadh tarsainn abhainn Choineig. Chuir e urchair ann is thuit am bàillidh marbh dhan abhainn.
Ghreas Fearchair dhachaigh a dh'innse do Nighean Dhonnchaidh mar a thachair.
"A bhean gun tùr," ars esan, "thug thu ormsa mo chall a dhèanamh. Feumaidh mise teicheadh agus an aire thoir orm fhìn. Thoir thusa an aire ort fhèin mar is fheàrr a dh'fhaodas tu."
Theich e an uair sin agus cha do stad e gus an do ràinig e Caolas nam Bò aig Loch Shùirn Bheag. Bha bràthair athar a' fuireach air taobh thall na luiche ann an àite ris an cante Sgiath Àirigh 's bha Fearchair an dòchas furtachd fhaighinn an sin.
Ghlaodh e null agus tha e coltach, nuair a chuala bràthair athar an èigh, gun d' thuirt e ri mhic fhèin, "Èiribh, fhearaibh. Tha Fearchair, mac mo bhràthar, thallad, ag iarraidh an aiseig is guth fir calla na cheann."
Chaidh iad a dh'iarraidh Fearchair agus dh'aidich e gu robh e air Dòmhnall Mac Dhonnchaidh Mhic Fhionnlaigh Dubh nam Fiadh a mharbhadh.
A rèir an aithris, cha do rinn seo dragh sam bith do bhràthair athar. Thuirt e gum biodh e fhèin air a dhèanamh mur a biodh gu robh robh Fearchar air a dhèanamh an toiseach, agus dh'fhuirich Fearchair còmhla riutha grunn mhìosan.
Thill e an uair sin a Cheann Tàile agus bha e air falach ann an uamh an Coire Gorm a' Bhealaich. Cha rachadh e a-mach às an uamh gun bonn umha fhàgail air cloich aig beul na h-uamha. Bha e a' creidsinn nach tigeadh duine an rathad gun am bonn a ghoid no a ghluasad 's dh'aithnicheadh e an uair sin am bu chòir dha gluasad.
Aig an àm a bha seo, bha creideas am measg nan daoine na seachnadh murtair a bhith air a ghlacadh fad seachd bliadhna nach b' urrainnear a pheanasachadh. Thug Fearchair seachd bliadhna fon choill air feadh bheanntan is mhonaidhean Chinn Tàile agus sin nuair a rinn e an t-òran seo.
Nuair a bha na seachd bliadhna seachad, shaoil Fearchair gu robh e nise sàbhailte agus nochd e aig tìodhlacadh an Cill Dubhthaich. Bha e air airgead èirig a phàigheadh airson bàs a' bhàillidh agus, nuair a chuir caraid dhan bhàillidh às a leth gur e rinn am murt, fhreagair Fearchair "Ma mhurt mis' e, nach do dh'ith sibh fhèin e!" a' ciallachadh gun d' fhuair 's gun do chosg iad an èirig.
Cha toireadh MacCoinnich maitheanais do Fhearchair idir, agus chuir e brath thuige ag ràdh nach fhaodadh e gu bràth tighinn na shealladh.
Uaireigin an dèidh sin bha MacCoinnich a' dol a Leòdhas agus chaidh Fearchair gun fhiosda dhan chuideachd a bha a' dol còmhla ris.
Nuair a ràinig iad Poll Iùbh bha MacCoinnich a' gearain mu cho beag de dh'fhir Chinn Tàile a bha sa chuideachd. Thuirt cuideigin ris nach robh sin na iongnadh le nach fhuilingeadh e an duine a b' fheàrr san àite tighinn na chòir, duine a bha luach fichead duine eile.
Dh'fhaighnich an ceann cinnidh cò bha sin agus nuair a chaidh innse dha gur e Fearchair a bh' ann, mhiannaich e Fearchair a bhith còmhla ris.
Chaidh a ràdh ris nan gealladh e a h-uile saorsa a bh' aig Fearchair ron mhurt a thoirt air ais dha gur dòcha gun tigeadh Fearchair. Rinn e sin agus nochd Fearchair e fhèin dha agus chaidh an càirdeas eatarra a thogail as ùr.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.